Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgrùdadh Ailtireachd Inbhir Nis: 1-5 Sràid na h-Eaglaise, Taobh an Iar
EXTERNAL ID
PC_ARCHITECTURALAUDIT_017
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Robert Gordon University
NEACH-FIOSRACHAIDH
Urras Catharra Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
21754
KEYWORDS
stìopail
ailtireachd
bùthan-chìsean
prìosanan
prìosanaich
Architectural Audit of Inverness: 1-5 Church Street, West Side

'S e stìopall grinn 45m a dh'àirde a tha seo a chaidh a thogail le Uilleam Sibbald agus Alasair Laing à Dùn Èideann ann an 1791 a tha seo. Tha e airr làrach bùth-chìsean meadhan-aoiseil bho co-dhiù 1436, a chaidh ath-thogail ann an 1691 le taigh-cùitre agus prìosan ri thaobh a chaidh a thogail ann an 1732. Chaidh an taigh-cùirte agus am prìosan ùr a thogail eadar 1787 agus 1789. Chaidh an gleoca a thoirt mar thiodhlac le Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Chaidh a mhilleadh le crith-thalmhainn ann an 1816 agus chaidh a dhèanamh suas às ùr le Ùisdean Mac a' Mhuilleir à Crombaidh. Chaidh ochd òrnaidean gu h-àrd a thoirt air falbh ann an càradh ann an 1948. Bha trì clagan anns an tùr-chluig ris an canar gu h-ionadail 'na sgeileidean' (skellets - Albais airson panaichean tiona).

Chan eil an stìopall air a shealltainn san dealbh seo, ged atha na soithichean-tasgaidh òrnaichte a' comharrachadh an t-àite anns a bheil e stèidhichte. Fon seo tha tùr-cluig a tha a' sealltainn buaidh ailtoireachd 'Palladian' na uinneagan 'Venetian'. Tha leth ìosal an tùur-chluig sgeadaichte le pileastairean Ionianach (colbhan nach eil a' toirt taic do nì air a thogail).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgrùdadh Ailtireachd Inbhir Nis: 1-5 Sràid na h-Eaglaise, Taobh an Iar

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

stìopail; ailtireachd; bùthan-chìsean; prìosanan; prìosanaich

Urras Catharra Inbhir Nis

Inverness Civic Trust: Architectural Audit

'S e stìopall grinn 45m a dh'àirde a tha seo a chaidh a thogail le Uilleam Sibbald agus Alasair Laing à Dùn Èideann ann an 1791 a tha seo. Tha e airr làrach bùth-chìsean meadhan-aoiseil bho co-dhiù 1436, a chaidh ath-thogail ann an 1691 le taigh-cùitre agus prìosan ri thaobh a chaidh a thogail ann an 1732. Chaidh an taigh-cùirte agus am prìosan ùr a thogail eadar 1787 agus 1789. Chaidh an gleoca a thoirt mar thiodhlac le Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Chaidh a mhilleadh le crith-thalmhainn ann an 1816 agus chaidh a dhèanamh suas às ùr le Ùisdean Mac a' Mhuilleir à Crombaidh. Chaidh ochd òrnaidean gu h-àrd a thoirt air falbh ann an càradh ann an 1948. Bha trì clagan anns an tùr-chluig ris an canar gu h-ionadail 'na sgeileidean' (skellets - Albais airson panaichean tiona).<br /> <br /> Chan eil an stìopall air a shealltainn san dealbh seo, ged atha na soithichean-tasgaidh òrnaichte a' comharrachadh an t-àite anns a bheil e stèidhichte. Fon seo tha tùr-cluig a tha a' sealltainn buaidh ailtoireachd 'Palladian' na uinneagan 'Venetian'. Tha leth ìosal an tùur-chluig sgeadaichte le pileastairean Ionianach (colbhan nach eil a' toirt taic do nì air a thogail).