Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgrùdadh Ailtireachd Inbhir Nis: 54-60 An t-Sràid Àrd, Taobh Deas
EXTERNAL ID
PC_ARCHITECTURALAUDIT_033
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Robert Gordon University
NEACH-FIOSRACHAIDH
Urras Catharra Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
21770
KEYWORDS
An Geata an Ear
Architectural Audit of Inverness: 54-60 High Street, South Side

Tha 54-60 An t-Sràid Àrd air a dhèanamh suas de thogalaichean de dhealbhadh dian Greugach le colbhan Ionaig (c. 1843). Thathas ag ràdh gur e Gilleasbaig Simpson à Obar Dheathain, no a neach-taice Seumas Ros, athair Alasdair Ros, a dhealbhaidh iad. B' e Oifis a' Phuist a bh' ann roimhe agus an uair sin Oifis nan Cusbain agus nan Cìsean, agus ann an 1991 bha meur de Bhanca Rìoghail na h-Alba agus Banca Halifax ann.

Aithnichear colbhan Ionaig oir tha mullaich shnìomhach orra. Mar as trice tha loidhnichean claiseach air colbhan Ionaig, ach a rèir coltais tha an togalach seo a' leantainn an eisimpleir Sasannach san 17mh linn le colbhan plèan. Dhealbhaich Gilleasbaig Simpson Colaiste Mharischal ann an Obar Dheathain. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (2010), bha Banca Rìoghail na h-Alba, Optical Express agus Clinton Cards ann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgrùdadh Ailtireachd Inbhir Nis: 54-60 An t-Sràid Àrd, Taobh Deas

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

An Geata an Ear

Urras Catharra Inbhir Nis

Inverness Civic Trust: Architectural Audit

Tha 54-60 An t-Sràid Àrd air a dhèanamh suas de thogalaichean de dhealbhadh dian Greugach le colbhan Ionaig (c. 1843). Thathas ag ràdh gur e Gilleasbaig Simpson à Obar Dheathain, no a neach-taice Seumas Ros, athair Alasdair Ros, a dhealbhaidh iad. B' e Oifis a' Phuist a bh' ann roimhe agus an uair sin Oifis nan Cusbain agus nan Cìsean, agus ann an 1991 bha meur de Bhanca Rìoghail na h-Alba agus Banca Halifax ann.<br /> <br /> Aithnichear colbhan Ionaig oir tha mullaich shnìomhach orra. Mar as trice tha loidhnichean claiseach air colbhan Ionaig, ach a rèir coltais tha an togalach seo a' leantainn an eisimpleir Sasannach san 17mh linn le colbhan plèan. Dhealbhaich Gilleasbaig Simpson Colaiste Mharischal ann an Obar Dheathain. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (2010), bha Banca Rìoghail na h-Alba, Optical Express agus Clinton Cards ann.