Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tubaist plèana Diùc Khent, 1942
EXTERNAL ID
PC_ATKINSON_001
DEIT
Lùnastal 1942
LINN
1940an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
21782
KEYWORDS
plèanaichean
làrach tubaist
rìoghalachd
Duke of Kent's plane crash, 1942

Dealbh camara de thubaist plèana Diùc Khent ann an 1942. Chaidh am Prionnsa Seòras, Diùc Khent (1902-1942) a mharbhadh ann an tubaist plèana anns an Dara Cogadh aig Creag na h-Iolaire, faisg air Dùn Beatha ann an Gallaibh. Bha am 'Bàta Itealaich Sunderland' san robh e ag itealaich gu h-oifigeil air an t-slighe a dh'Innis Tìle far an robh an Diùc a' dol a choinneachadh ri buill de armachd Ameiriga.

B' e Diùc Khent an aon bhall den teaghlach rìoghail o chionn goirid a chaidh a mharbhadh ann an seirbheis ghnìomhach, agus a rèir coltais chaidh na clàran a dhùnadh air sgàth seo. Air sgàth an dìomhaireachd seo tha grunnan beachd-smuaintean air nochdadh anns na bliadhnachan on uair sin.

Tha aon a' moladh gun b' e sabotàis a chaidh a dhèanamh air a' phlèan oir bha cuid den bheachd gun robh co-fhaireachdainn aig an Diùc ri na Gearmailtich. Tha beachd-smuain eile a' moladh gur dòcha gun deach beatainn ri pannal nan ionnsramaidean air a' Bhàta Itealaich Sunderland mus do dh'fhàg i Inbhir Ghòrdain. Tha moladh ann gun do ghabh an Comandair Sgèithe os cionn an sguadran anns an Òban (far an robh am bàta itealaich stèidhichte) thairis sgiathalaich an itealain ach nach robh e cho comasach air sgiathalaich ris a' phaidhleat, Liefteanant Sgiathalaich, Frang Goyen.

B' e Anndra Jack, an gunnair deiridh, an aon bhal den sgioba anns an robh 11 a thàinoig beò às an tubaist.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tubaist plèana Diùc Khent, 1942

1940an

plèanaichean; làrach tubaist; rìoghalachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Syd Atkinson Archive