Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prionnsa na Cuimrigh Saorsa Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ATKINSON_047
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
26 An t-Ògmhios 1931
LINN
1930an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
21823
KEYWORDS
rìoghalachd
turais rìoghail
drochaidean
Prince of Wales Freedom of Inverness

Dealbh camara de a Mhorachd Rìoghail Prionnsa Eideard, Prionnsa na Cuimrigh, a' dol tarsainn Drochaid an Taigh-eiridinn rè an t-seirbheis air 26 An t-Ògmhios 1931.

Shiubhail am Prionnsa Eideard ann an itelan aotrom à Dùn Eideann gu Beaufort agus an uair sin dràibh e gu Inbhir Nis ann an càr còmhla ri Morair MacShimidh. An dèidh tadhal air Bùth-obrach Morair Roberts airson euslaintich a bh' anns na feachdan, bhrosnaich e 400 ball de Lègion Bhreatainn agus feadhainn a bh' anns na feachdan roimhe ann am Pàirce Farraline, agus an uair sin dh'fhosgail e Talla Cuimhneachaidh na Bean-uasal Maud Lawson ann an Sràid a' Bhanca.

Thachair an t-seirbheis Saorsa ann an Taigh-dhealbh a' Phlayhouse ann an Sràid na h-Acadamaidh, agus chaidh fàilte a chur air a' Phrionnsa le Feachd Urraim den 4mj/5mh agus 6mh Buidheann-catha Dùthchail de na Sìophortaich air an robh Prionnsa na Cuimrigh na Àrd Chòirneal. Bha Saighdearan à Siorrachd Rois air an taobh dheas, à Gallaibh is Cataibh anns a' mheadhan agus à Moireabh air an taobh chlì.

Anns an dealbh seo, chithear am prionnsa a' sgrùdadh na feachd. Tha an Caiptean SK Friseal MC còmhla ris leis an Liefeanant JG MacDhòmhnaill ri aghaidh na deilbh. An dèidh na seirbheis, chaidh dìnnear a chumail do Shaoranach ùr Inbhir Nis leis a' Phròbhaist MacEòghainn agus Comhairle a' Baile ann an Talla a' Bhaile.

Air an fheasgair, chuir Prionnsa na Cuimrigh blàth-fhleasg air a' charragh-chuimhne cogaidh ann an Gàraidhean Chavell agus an uair sin, choisich e thar na drochaid-chrochaidh gus roinn rèidieolas ùr fhosgladh. Chaidh am prionnsa an uair sin do dh'Armlann nan Sìophortach ann an Dùn Deòrsa, far an deach an luchd-obrach is na saighdearan ùra a thoirt còmhla airson sgrùdadh. Chuir e crìoch air an latha trang seo le geama goilf ann an Inbhir Narann.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prionnsa na Cuimrigh Saorsa Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

rìoghalachd; turais rìoghail; drochaidean

Highland Libraries

Syd Atkinson Archive