Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Tilgeil an Ùird
EXTERNAL ID
PC_BOBDOBSON_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1900an
CRUTHADAIR
Sir Benjamin Stone
NEACH-FIOSRACHAIDH
Bob Dobson
AITHNEACHADH MAOINE
21973
KEYWORDS
ùird
farpaisean
Geamannan Gàidhealach
tachartasan troma
Throwing the Hammer

Tha farpaisean tilgeil an ùird air a bhith air am meas mar dheagh chur-seachad mu thimcheall cheàrdaichean, thuathanasan, chuaraidhean agus àite obrach sam bith eile far an robhar a' cleachdadh ùird. An toiseach, b' e ùird mhòra le casan fiodha a bhiodhte a' cleachdadh, ach mar a bhathar a' rèiteachadh fharpaisean chaidh ball iarainn ceangailte ri cas bambù no cuilc a chur nan àite. (Tha an seòrsa dealbhadh seo air ùird a bhithear a' cleachdadh ann an tachartasan Gheamannan Gàidhealach, agus tha e eadar-dhealaichte bho na h-ùird a thathar a' cleachdadh ann an tachartasan lùth-chleasach mar na h-Oilimpics). Tha an t-òrd a' tomhas 4 troighean agus 2 òirleach agus tha 16 no 22 punnd de chuideam ann.

Is e an dòigh as cumanta air tilgeil an ùird am farpaiseach a bhith na sheasamh le a chùlaibh a dh'ionnsaigh an àird gu bheil e a' tilgeil. An uair sin luaisgidh e an t-òrd timcheall a chinn airson luaths agus leigidh e às e thairis air a ghualainn. Tha Alt a cheart cho cudromach ri neart san fharpais seo.

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an Ridire Benjamin Stone aig Cruinneachadh Inbhir Nis tràth sna 1900an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Tilgeil an Ùird

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

ùird; farpaisean; Geamannan Gàidhealach; tachartasan troma

Bob Dobson

Tha farpaisean tilgeil an ùird air a bhith air am meas mar dheagh chur-seachad mu thimcheall cheàrdaichean, thuathanasan, chuaraidhean agus àite obrach sam bith eile far an robhar a' cleachdadh ùird. An toiseach, b' e ùird mhòra le casan fiodha a bhiodhte a' cleachdadh, ach mar a bhathar a' rèiteachadh fharpaisean chaidh ball iarainn ceangailte ri cas bambù no cuilc a chur nan àite. (Tha an seòrsa dealbhadh seo air ùird a bhithear a' cleachdadh ann an tachartasan Gheamannan Gàidhealach, agus tha e eadar-dhealaichte bho na h-ùird a thathar a' cleachdadh ann an tachartasan lùth-chleasach mar na h-Oilimpics). Tha an t-òrd a' tomhas 4 troighean agus 2 òirleach agus tha 16 no 22 punnd de chuideam ann.<br /> <br /> Is e an dòigh as cumanta air tilgeil an ùird am farpaiseach a bhith na sheasamh le a chùlaibh a dh'ionnsaigh an àird gu bheil e a' tilgeil. An uair sin luaisgidh e an t-òrd timcheall a chinn airson luaths agus leigidh e às e thairis air a ghualainn. Tha Alt a cheart cho cudromach ri neart san fharpais seo.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thogail leis an Ridire Benjamin Stone aig Cruinneachadh Inbhir Nis tràth sna 1900an