Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tursachan Chalanais, Eilean Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_CALANAIS_1
ÀITE
Calanais
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
DEIT
24 An Cèitean 2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21977
KEYWORDS
clachan
tursachan
carraighean-cuimhne
Calanais Stones, Isle of Lewis

Tha na tursachan ann an Calanais eadar 3000 agus 4000 mìle bliadhna a dh'aois agus 's e leacan de chlach-ghràin phinc de chlach gharbh Gneiss Leòdhasach, a th' annta. Tha grunn chearcallan thursachan ann an sgìre Chalanais ach 's e seo a' bhuidheann as ainmeile agus càradh toinnte le mu 50 clach ann. Na mheadhan tha cearcall de thrì leacan deug a tha eadar 2.5 agus 4 meatair a dh'àirde a tha nan seasamh cruinn timcheall air a' chlach as àirde san làraich a tha faisg air còig meatairean a dh'àirde agus mu 5.5 tunna Eòrpach de chuideam innte.

Tha tèoiridh air a bhith ann, aon am measg mòran dhiubh, gu bheil na clachan nam pàirt de shiostam nam mìosan ceangailte ri suidheachadh na gealaich san adhar. A' coimhead don àird a deas, tha cuid den bheachd gu bheil rathad sna leacan a' coimhead dìreach ris an àite far an laigh gealach shlàn meadhan an t-samhraidh air cùl a' Chliseim, ann am beanntan na Hearadh. Tha daoine a tha a' cur sìos air an teòiridh seo ag ràdh nach eil e ach nàdarra gum biodh grunn loidhneachadh mar seo ann co-dhiù, gun dealbhadh, ann an structar mar seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tursachan Chalanais, Eilean Leòdhais

ROS: Ùig

2000an

clachan; tursachan; carraighean-cuimhne

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley

Tha na tursachan ann an Calanais eadar 3000 agus 4000 mìle bliadhna a dh'aois agus 's e leacan de chlach-ghràin phinc de chlach gharbh Gneiss Leòdhasach, a th' annta. Tha grunn chearcallan thursachan ann an sgìre Chalanais ach 's e seo a' bhuidheann as ainmeile agus càradh toinnte le mu 50 clach ann. Na mheadhan tha cearcall de thrì leacan deug a tha eadar 2.5 agus 4 meatair a dh'àirde a tha nan seasamh cruinn timcheall air a' chlach as àirde san làraich a tha faisg air còig meatairean a dh'àirde agus mu 5.5 tunna Eòrpach de chuideam innte.<br /> <br /> Tha tèoiridh air a bhith ann, aon am measg mòran dhiubh, gu bheil na clachan nam pàirt de shiostam nam mìosan ceangailte ri suidheachadh na gealaich san adhar. A' coimhead don àird a deas, tha cuid den bheachd gu bheil rathad sna leacan a' coimhead dìreach ris an àite far an laigh gealach shlàn meadhan an t-samhraidh air cùl a' Chliseim, ann am beanntan na Hearadh. Tha daoine a tha a' cur sìos air an teòiridh seo ag ràdh nach eil e ach nàdarra gum biodh grunn loidhneachadh mar seo ann co-dhiù, gun dealbhadh, ann an structar mar seo