Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Iubilìdh, Eilean Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_JUBILEE_3
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21982
KEYWORDS
bataichean
bàtaichean-iasgaich
The Jubilee, Isle of Lewis

'S e seo an tè mu dheireadh a mhaireas de na sgothan Niseach a bha uaireigin trang an sàs ann an gnìomhachas an iasgaich le lìn ann an Eilean Leòdhais. 'S e an Iubilìdh ainm a' bhàta sgoinneil 27' (8.2m) seo, air a thogail le sùdhan (dèileannan fiodha a' laighe thar-chèile - 'clinker-built').

'S e bàta fosgailte a th' ann le aon sheòl mòr agus chaidh a dheilbh 's a thogail ann an 1935 le Iain F MacLeòid, fear ann an sgìre Phort Nis a bha a' togail bhàtaichean.

'S i an t-aon bhàta a mhaireas seach gun deach na bàtaichean seo an cleachdadh gun sguir ann an iasgach cruaidh agus, seach nach robh calannan freagarach ann, chaidh am bualadh suas air a' chladach às dèidh a h-uile cuairt iasgaich.

Ann an 1978, ann an droch chàradh mar a bha e, chaidh am bàta a cheannach air sgàth coimhearsnachd Nis. Chaidh Iain M MacLeòid, mac an fhir a thog an toiseach e, fhasdadh airson obair càraidh a dhèanamh air, agus ann an 1980 chaidh am bàta a chur air bhog gu pròiseil on chala aig Port Nis. Chaidh leasachadh cosgail eile a dhèanamh air ro a 70mh ceann-bliadhna, agus chaidh ath-chur air bhog a dhèanamh san Iuchar 2005 far an do ghabh e àite san Fhèis bhliadhnail 'Sail Hebrides' / Seòl Innse Gall.

An-diugh 's ann le Comann Eachdraidheil Nis a tha e agus tha sinn taingeil do Amanda Darling airson an fhiosrachaidh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Iubilìdh, Eilean Leòdhais

ROS: Ùig

2000an

bataichean; bàtaichean-iasgaich

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley