Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Caisteal (Caisteal Leòdhais), Steòrnabhagh
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_LEWS_CASTLE_1
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
22 Gearran 2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21983
KEYWORDS
caistealan
ospadail
Lews Castle, Stornoway

Ann an 1844 chaidh Eilean Leòdhais a cheannach le Sir Seumas MacMhathain, fear a rinn fhortan a-mach à gnothachas an opium san Ear Chian, agus dh'òrdaich e togail Chaisteal Leòdhais ann an 1847. Bha an caisteal seachd bliadhna ga thogail aig cosgais £60,000, agus tha e na shuidhe an taobh an iar chala Steòrnabhaigh.

Nuair a bhàsaich e ann an 1878, 's ann dha bhantrach, an Leadaidh Màiri Sìne NicMhathain a chaidh an oighreachd, agus às a dèidh do mhac bràthair/ piuthar agus iar-mhac-bràthair, an Còirneal Donnchadh MacMhathain. Chaidh oighreachd Leòdhais agus an Caisteal a chur air a' mhargaid ann an 1917 air adhbharan airgid.

'S e Uilleam Hesketh Lever (Morar Leverhulme) a cheannaich an t-eilean 's an caisteal ann an 1918. Rinn e leasachadh air a' chaisteal, a' cur a-steach an dealain, teas on mheadhan, iomadh rùm-ionnlaid agus fònaichean a-staigh. Bha Leverhulme glè dhèidheil air danns agus leudaich e an rùm-bàla le bhith ga cheangal ri rùm-suidhe ri a thaobh. Bha am Morar na fhear an taighe aoidheil do dh'iomadh neach-tadhail ainmeil agus bha mòran a' sireadh a chuiridhean do na bàlaichean sa chaisteal.

Rè an Dàrna Cogaidh chaidh an caisteal a chleachdadh na ospadal an nèibhidh. Na b' fhaisg air an là an-diugh bha e na cholaiste de theicneòlas, ach tha e air a bhith na laighe falamh o 1987. An-diugh (2010) 's ann le Comhairle nan Eilean Siar a tha e agus 's e togalach air a liostadh de Sheòrsa A a th' ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Caisteal (Caisteal Leòdhais), Steòrnabhagh

ROS: Steòrnabhagh

2010an

caistealan; ospadail

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley