Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Aignis, Eilean Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_RAIDERS_AIGNISH_2
ÀITE
Aignis
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
17 An Dùbhlachd 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21987
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
còmhstri nan croitearan
deasbad talmhainn
Aignish Memorial, Isle of Lewis

Tha an carragh-cuimhne seo air a thogail aig làrach Tuathanais Aignis a bh' ann, àite far an do thachair còmhstri eadar na croitearan agus luchd-seilbh an fhearainn. Tha e mar chuimhneachan air pàirt de chòmhstri fearainn na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

B' e ùpraid Aignis an 9mh den Fhaoilleach 1888 fear de na tachartasan na h-ama, 's dòcha, a bu mhiosa, far na sheas na croitearan suas an aghaidh nan uachdaran, gu h-àraid nuair a thachair seo cho goirid an dèidh ùpraid frìth na Pàirce. Aig tuathanas Aignis chaidh bratach fhosgladh mar ghairm-cruinneachaidh do na daoine agus cha b' fhada gus an robh mu 500 fir ann, feadhainn aca a bha airson a h-uile beathach, crodh is caoirich, a ruagadh air falbh. Na beathaichean nach do theich na fir sin romhpa dhan mhuir, bhris iad an casan le am maidean mòra. Nuair a nochd poilis agus saighdearan-mara thuca, thilg na fir clachan orra agus cha deach an luchd-ionnsaigh a sgaoileadh gus an do nochd buidheann on arm mun coinneamh, Rèiseamaid nan Albannach Rìoghail, leis na bèigleidean aca. Chaidh Achd na h-Ùpraid a leughadh don luchd-ionnsaigh sa Bheurla is sa Ghàidhlig agus aig deireadh an latha chaidh aon duine deug a chur fo chasaid sa phrìosan ann an Steòrnabhagh. An dèidh dhan t-sluagh an còrr de na beathaichean iomain pìos air falbh, thionndaidh iad air ais leotha seachad air an tuathanas.

An carragh-cuimhne: Tha an dealbhadh a' sealltainn smuain de dhaoine an aghaidh a chèile le dà charragh de chlach na sgìre mu 4.5 meatair a dh'àirde, gach carragh le aodann còmhnard agus creagan biorach a' putadh a-mach às. Tha druim chrùbach agus mullach a tha a' dol nas caoile aig gach carragh. Tha na clachan biorach a' coimhead a chèile a' sealltainn ionnsaigheachd agus aimhreit an tachartais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Aignis, Eilean Leòdhais

ROS: Steòrnabhagh

2000an

carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; còmhstri nan croitearan; deasbad talmhainn

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley

Tha an carragh-cuimhne seo air a thogail aig làrach Tuathanais Aignis a bh' ann, àite far an do thachair còmhstri eadar na croitearan agus luchd-seilbh an fhearainn. Tha e mar chuimhneachan air pàirt de chòmhstri fearainn na Gàidhealtachd 's nan Eilean.<br /> <br /> B' e ùpraid Aignis an 9mh den Fhaoilleach 1888 fear de na tachartasan na h-ama, 's dòcha, a bu mhiosa, far na sheas na croitearan suas an aghaidh nan uachdaran, gu h-àraid nuair a thachair seo cho goirid an dèidh ùpraid frìth na Pàirce. Aig tuathanas Aignis chaidh bratach fhosgladh mar ghairm-cruinneachaidh do na daoine agus cha b' fhada gus an robh mu 500 fir ann, feadhainn aca a bha airson a h-uile beathach, crodh is caoirich, a ruagadh air falbh. Na beathaichean nach do theich na fir sin romhpa dhan mhuir, bhris iad an casan le am maidean mòra. Nuair a nochd poilis agus saighdearan-mara thuca, thilg na fir clachan orra agus cha deach an luchd-ionnsaigh a sgaoileadh gus an do nochd buidheann on arm mun coinneamh, Rèiseamaid nan Albannach Rìoghail, leis na bèigleidean aca. Chaidh Achd na h-Ùpraid a leughadh don luchd-ionnsaigh sa Bheurla is sa Ghàidhlig agus aig deireadh an latha chaidh aon duine deug a chur fo chasaid sa phrìosan ann an Steòrnabhagh. An dèidh dhan t-sluagh an còrr de na beathaichean iomain pìos air falbh, thionndaidh iad air ais leotha seachad air an tuathanas. <br /> <br /> An carragh-cuimhne: Tha an dealbhadh a' sealltainn smuain de dhaoine an aghaidh a chèile le dà charragh de chlach na sgìre mu 4.5 meatair a dh'àirde, gach carragh le aodann còmhnard agus creagan biorach a' putadh a-mach às. Tha druim chrùbach agus mullach a tha a' dol nas caoile aig gach carragh. Tha na clachan biorach a' coimhead a chèile a' sealltainn ionnsaigheachd agus aimhreit an tachartais