Ùrachadh mu Dheireadh 18/01/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Aignis, Eilean Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_RAIDERS_AIGNISH_3
ÀITE
Aignis
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
17 An Dùbhlachd 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21988
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
còmhstri nan croitearan
deasbad talmhainn
Aignish Memorial, Isle of Lewis

Tha an carragh-cuimhne seo air a thogail aig làrach Tuathanais Aignis a bh' ann, àite far an do thachair còmhstri eadar na croitearan agus luchd-seilbh an fhearainn. Tha e mar chuimhneachan air pàirt de chòmhstri fearainn na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Air Latha na Nollaig 1887, choinnich croitearan An Rubha agus cho-dhùin iad gun toireadh iad dà sheachdain dhan tuathanach ann an Aiginis airson an tuathanas fhàgail mus ruaigeadh iad an crodh far an tuathanais agus gum faigheadh iad am fearann airson an croitean. Nuair a thug iad ionnsaigh air an tuathanas air 9 Am Faoilleaach 1888 bha saighdearan-mara agus poilis a' feitheamh riutha. Thòisich sabaid agus leugh an Siorram Friseal Achd na h-Ùpraid. Nuair a thàinig companaidh de na h-Albannaich Rìoghail stad an aimhreit. Chaidh trì duine deug a chur an grèim agus nochd iad sa chùirt ann an Dùn Eideann. Chaidh am faighinn ciontach de bhith ag adhbhrachadh aimhreit agus chaidh binn prìosain eadar sia mìosan agus còig mìosan deug a thoirt dhaibh.

Cha b' ann gu 1905 a chaidh Tuathanas Aiginis a bhriseadh suas mu dheireadh gu h-oifigeil, airson croitean a dhèanamh.

Dealbhachadh

An carragh-cuimhne: Tha an dealbhadh a' sealltainn smuain de dhaoine an aghaidh a chèile le dà charragh de chlach na sgìre mu 4.5 meatair a dh'àirde, gach carragh le aodann còmhnard agus creagan biorach a' putadh a-mach às. Tha druim chrùbach agus mullach a tha a' dol nas caoile aig gach carragh. Tha na clachan biorach a' coimhead a chèile a' sealltainn ionnsaigheachd agus aimhreit an tachartais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Aignis, Eilean Leòdhais

ROS: Steòrnabhagh

2000an

carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; còmhstri nan croitearan; deasbad talmhainn

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley