Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Bhail' Ailein, Eilean Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_RAIDERS_BALALLAN_1
ÀITE
Bail' Ailein
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
DEIT
21 An Gearran 2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21989
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
còmhstri nan croitearan
deasbad talmhainn
Balallan Memorial, Isle of Lewis

Chaidh càrn Bhail' Ailein a thogail ann an 1994 ach an comharraicheadh e còmhstri chroitearan na Pàirce san t-Samhain 1887, còmhstri an aghaidh mì-cheartas luchd-seilbh an fhearainn - gu h-àraid mar a thionndaidh iad 42,000 acair de thalamh do chaoraich a-steach gu pàirc spòrsail an fhèidh.

Às dèidh na còmhstri chaidh sia duine deug às an sgìre a chur fo ghrèim. Chaidh deichnear a leigeil ma sgaoil a-rithist ach chaidh sianar a chur fo chasaid 'mobbing and rioting'. Ron deuchainn-cùirte ann an Dùn Èideann chuala an diùraidh gu robh mu 150 duine air meàrrsadh à Grabhair air cùl bratach dhearg: mar a bha mu, 's dòcha, leth-cheud pìos armachd nam measg (a' chuid a bu mhotha den armachd seann raidhfilean le aon ghob air lodaigeadh tron bheul); mar a bha an luchd-ionnsaigh air campa dhaibh fhèin a chur air bhonn sa choille, agus mar a thòisich iad an uair sin, a rèir aithris, a' marbhadh fèidh. Dh'innis neach-lagha gan dìon gu robh a' choille a' sgaoileadh thar 150 mìle ceàrnagach agus gu robh e ann an teagamh ciamar a b' urrainn do 150 fir a bhith ri 'mob is riot' thairis air an uidhir sin de dh'fhearainn. An dèidh dhaibh beachdachadh air a' chùis fad dìreach 30 mionaidean, lorg an diùraidh nach robh an t-sianar fo chasaid idir ciontach. Fhuair an tachartas foillseachadh nàiseanta sna meadhanan agus thàinig e gu bhith na chùis-adhbhair airson barrachd còmhstri ann an cùis seilbh an fhearainn, rud a sheas fad 34 bliadhna eile.

An carragh-cuimhne: B' e an t-ionad a chaidh a thaghadh don chàrn cnocan creagach os cionn Bhail' Ailein, le sealladh thairis air fearann Leòdhais a Deas. 'S e càrn cearcallach mu 3.5 meatair a dh'àirde a tha sa charragh-cuimhne, air a thogail le clachan air ath-chuairteachadh agus clachan a' chladaich. Tha trì rathaidean a-staigh thuige a tha a' coimhead taobh nan trì sgìrean ceangailte ris an ionnsaigh - Ceann Loch, Na Lochan a Tuath agus a Deas.

Na bhroinn tha staidhre cearcallach a' dol a-mach gu àrd-ùrlar airson sealltainn às, far a bheil trì clachan comharrachaidh air an togail togte a-steach do cheann a' bhalla, gach clach na laighe le a thaobh biorach taobh làraichean far an do ghabh tachartasan na còmhstri àite. Air an togail a-steach don bhalla cuideachd tha clachan, a' sealltainn taobhan-seallaidh, le àireamhan orra, air an togail o chroitean an luchd-iomairt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Bhail' Ailein, Eilean Leòdhais

ROS: Ùig

2010an

carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; còmhstri nan croitearan; deasbad talmhainn

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley