Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Ghrèais, Eilean Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_RAIDERS_GRESS_2
ÀITE
Griais
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
DEIT
4 Giblean 2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21993
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
còmhstri nan croitearan
deasbad talmhainn
Gress Memorial, Isle of Lewis

Chaidh làrach-togail a' charragh-cuimhne a thaghadh air fearann còmhnard gainmhich taobh abhainn Ghrèais, fon rathad mhòr agus faisg air Drochaid Tholstaidh. B' ann aig an drochaid an 1919 a bha còmhstri eadar neach-seilbh an fhearainn, Lord Leverhulme, agus saighdearan air tilleadh dhachaigh.

An dèidh dhaibh tilleadh o uamhas a' Chiad Chogaidh, cha deach an talamh a chaidh a ghealltainn dhaibh leis an riaghaltas idir a thoirt dha na saighdearan. Rinn an droch staid san robh iad droch fhaireachdainn na bu mhiosa sa choimhearsnachd agus sheall e gu robh rudan ceàrr a thaobh làimhseachadh na talmhainn.

Ann am Màrt 1919 thachair cuid de ionnsaighean na talmhainn a bu mhotha air tuathanasan Ghrèais is Chol Uaraich. Lean ionnsaighean an fhearainn air fad Leòdhais gu ruig mu 1921. Mu dheireadh rinn an riaghaltas an rud a gheall iad roimhe agus choisinn na daoine còirean air an fhearann.

An carragh-cuimhne: Bha duilgheadasan buileach eadar-dhealaichte ann nuair a thagh iad làrach a' charragh-cuimhne ann an Grèais, seach an dà charragh-cuimhne eile a chaidh a thogail, agus bha barrachd deasbad ann leis a' chomataidh sgìreil. Chaidh grunn atharrachaidhean a dhèanamh air a chiad deilbh. Tha an structur sa mheadhan na chomharra den oidhirp a rinn Lord Leverhulme coimhearsnachd na croitearachd a bhriseadh às a chèile; tha na cumaidhean talmhainn a' samhlachadh trainnsichean is tonnan a' chogaidh, a' sealltainn nan geallaidhean do luchd nan seirbheisean gum faigheadh iad talamh an dèidh dhaibh tilleadh on Chogadh Mhòr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Ghrèais, Eilean Leòdhais

ROS: Ùig

2010an

carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; còmhstri nan croitearan; deasbad talmhainn

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley