Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chiad Seòladh de dh'Aiseag Là na Sàbaid eadar Steòrnabhagh is Ulapul
EXTERNAL ID
PC_BRANLEY_SUNDAY_PROTEST_1
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
19 Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Stephen Branley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Stephen Branley
AITHNEACHADH MAOINE
21995
KEYWORDS
aiseagan
First Sunday Sailing of the Stornoway - Ullapool ferry

Thòisich a' chiad seirbheis adhair a-null 's a-nall a Steòrnabhagh air 27mh Dàmhair 2002. Ach bha faisg air 7 bliadhna eile, an 19mh Iuchair 2009 mus do sheòl am bàt-aiseag airson a' chiad turas Là na Sàbaid eadar Steòrnabhagh is Ullapul.

B' e là annasach a bh' ann ann an Eilean Leòdhais. Dh'inns pàipear-naigheachd an Times: 'Hundreds of demonstrators are expected at the ferry terminal on Lewis today to protest against the first Sunday sailing', ach .... Cha do nochd ach mu 12 airson dùbhlan modhail a dhèanamh. Cha do nochd gin de na ministearan san sgìre; an àite sin 's e ministear bho thaobh thall na dùthcha, às Obar Dheathain air cost an ear na h-Alba, a bha an ceann an dùbhlain. Bha ministearan an eilein air a bhith gu math fuaimneach an aghaidh seòlaidhean na Sàbaid, ach nuair a thàinig an latha, bha e follaiseach nach robh iad idir ann. Sheinn an luchd-dùbhlain Salm 46, ''S e Dia is tèarmann duinn gu beachd' agus rinn iad ùrnaigh gun 'cuireadh muinntir na dùthcha cùl ri peacadh is olc.'

Cuir sin an taca ri 300 no mar sin air taobh nan aiseagan Sàbaid agus chì thu dè cho làidir 's a bha am faireachdainn. Ach 's e duine làidir a sheasas an aghaidh sluagh cho mòr agus tha a' bhuidheann bheag de dhaoine an aghaidh nan aiseagan airidh air urram airson seasamh airson an creideamh. Aig 2.30f, bha othail mhòr de bhualadh bhoisean is èigheachd ann nuair thòisich 'Eilean Leòdhais' a' gluasad a-mach às a' chala air a' chiad seòladh oifigeil na Sàbaid à Steòrnabhagh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chiad Seòladh de dh'Aiseag Là na Sàbaid eadar Steòrnabhagh is Ulapul

ROS: Steòrnabhagh

2000an

aiseagan

Stephen Branley

Isle of Lewis photographs by Stephen Branley

Thòisich a' chiad seirbheis adhair a-null 's a-nall a Steòrnabhagh air 27mh Dàmhair 2002. Ach bha faisg air 7 bliadhna eile, an 19mh Iuchair 2009 mus do sheòl am bàt-aiseag airson a' chiad turas Là na Sàbaid eadar Steòrnabhagh is Ullapul.<br /> <br /> B' e là annasach a bh' ann ann an Eilean Leòdhais. Dh'inns pàipear-naigheachd an Times: 'Hundreds of demonstrators are expected at the ferry terminal on Lewis today to protest against the first Sunday sailing', ach .... Cha do nochd ach mu 12 airson dùbhlan modhail a dhèanamh. Cha do nochd gin de na ministearan san sgìre; an àite sin 's e ministear bho thaobh thall na dùthcha, às Obar Dheathain air cost an ear na h-Alba, a bha an ceann an dùbhlain. Bha ministearan an eilein air a bhith gu math fuaimneach an aghaidh seòlaidhean na Sàbaid, ach nuair a thàinig an latha, bha e follaiseach nach robh iad idir ann. Sheinn an luchd-dùbhlain Salm 46, ''S e Dia is tèarmann duinn gu beachd' agus rinn iad ùrnaigh gun 'cuireadh muinntir na dùthcha cùl ri peacadh is olc.'<br /> <br /> Cuir sin an taca ri 300 no mar sin air taobh nan aiseagan Sàbaid agus chì thu dè cho làidir 's a bha am faireachdainn. Ach 's e duine làidir a sheasas an aghaidh sluagh cho mòr agus tha a' bhuidheann bheag de dhaoine an aghaidh nan aiseagan airidh air urram airson seasamh airson an creideamh. Aig 2.30f, bha othail mhòr de bhualadh bhoisean is èigheachd ann nuair thòisich 'Eilean Leòdhais' a' gluasad a-mach às a' chala air a' chiad seòladh oifigeil na Sàbaid à Steòrnabhagh