Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'The Bungalow' A' Chorpaich
EXTERNAL ID
PC_BURT_003
ÀITE
A' Chorpaich
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
DEIT
1939
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Colin Burt
AITHNEACHADH MAOINE
22000
KEYWORDS
An Dara Cogadh
falmhachadh
luchd-falmhachaidh
taighean
bungalo
'The Bungalow', Corpach

Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1939 agus tha I a' sealltainn taigh faisg air A' Chorpaich, faisg air A' Ghearasdan. B' ann leis an ainm 'The Bungalow' a bha daoine eòlach air an taigh agus bha dà chaillich a' fuireach ann nuair a thòisich an dara cogadh.

Anns na 1890an, b' ann le Gillebrìde Wilkes a bha an taigh. Dh'fhàs e suas aig Chadwick Manor, Temple Balsall (faisg air Solihull). Bha a theaghlach air am fortan a dhèanamh a' roiligeadh copair ann am Birmingham. Am measg nithean eile, rinn na muilnean sin an uèir airson pròiseactan càbaill A' Chuain Shiar ann an 1857-8 agus1863. Ann an 1894 phòs Gillebrìde Elsy Fiddes Mèinnearach agus b' ann le a h-uncail a bha taigh-òsta Lochiel Arms, bainbhidh agus tè de shliochd Mèinnearaich Shian.

Anns an Dàmhair 1939, chaidh Mgr Cailean Burt, a bha 7 bliadhna a dh'aois aig an àm, agus a mhàthair fhalmhachadh à Lunnain agus thàinig iad a dh'fhuireach còmhla ri na seann chàirdean aca aig 'The Bungalow'. Chaidh e dhan sgoil anns A' Ghearasdan fhad 's a bha e a' fuireach anns a' Ghàidhealtachd.

Ann an 1940, chaidh Cailean agus a mhàthair air ais a Lunnain airson a bhith còmhla ri athair. Tha Cailean a' fuireach ann an Astràilia a-nis agus chuir e na dealbhan aige agus an sgeulachd aige gu sgioba Am Baile le cead gun rachadh e air an làrach-lìn.

[taing dha Cailean Burt agus Anndra Ròs airson amòran den fhiosrachaidh seo]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'The Bungalow' A' Chorpaich

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

1930an

An Dara Cogadh; falmhachadh; luchd-falmhachaidh; taighean; bungalo