Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agobair air an fheaur ann an Sgoraig, 1963
EXTERNAL ID
PC_BUSH_002
ÀITE
Sgoraig
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
1963
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Photograph
AITHNEACHADH MAOINE
22003
KEYWORDS
àiteachas
croitearachd
bàrr
talamh àitich
Sgoraig
First Haymaking at Scoraig, 1963

Ann an 1963, ghluais Ailean Bush agus a theaghlach a Sgoraig agus bha e ag obair mar croitear-iasgair. Tha an dealbh camara seo a' sealltainn Ailean agus a theaghlach air beulaibh cruach fheòir. Chaidh a thogail rè an ciad seusan a' dèanamh feur ann an 1963. Rinn e eilthireachd a dh'Astràilia ann a 1981 ach thill e ann an 1996 gus Scoraig Weave a stèidheachadh.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agobair air an fheaur ann an Sgoraig, 1963

ROS: Loch Bhraoin

1960an

àiteachas; croitearachd; bàrr; talamh àitich; Sgoraig

Photograph

Alun Bush - Scoraig & Nigg

Ann an 1963, ghluais Ailean Bush agus a theaghlach a Sgoraig agus bha e ag obair mar croitear-iasgair. Tha an dealbh camara seo a' sealltainn Ailean agus a theaghlach air beulaibh cruach fheòir. Chaidh a thogail rè an ciad seusan a' dèanamh feur ann an 1963. Rinn e eilthireachd a dh'Astràilia ann a 1981 ach thill e ann an 1996 gus Scoraig Weave a stèidheachadh.<br /> <br /> 'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.<br /> <br /> Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.