Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaighean air Corran Sgoraig
EXTERNAL ID
PC_BUSH_003
ÀITE
Sgoraig
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
CRUTHADAIR
Alun Bush
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22004
KEYWORDS
cladh
Sgoraig
Graves on Corran Scorraig

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn uaighean air Corran Sgoraig. Chan eil fios cò th' anns na h-uaighean.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaighean air Corran Sgoraig

ROS: Loch Bhraoin

cladh; Sgoraig

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn uaighean air Corran Sgoraig. Chan eil fios cò th' anns na h-uaighean.<br /> <br /> 'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.<br /> <br /> Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.