Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Làrach bothan uisge-beatha Sgoraig
EXTERNAL ID
PC_BUSH_004
ÀITE
Sgoraig
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22005
KEYWORDS
Sgaoraig
uisge-beatha mì-laghail
stailean uisge-beatha
Site of the Scoraig whisky bothy

'S e làrach bothan anns an robh staile uisge-beatha mì-laghail a tha seo. Tha e suidhichte faisg air a' chladach chun an iar air Sgoraig. Thathas ag ràdh gun robh droch chliù aig an àite airson obair staile mì-laghail, agus bha cho iomallach sa bha e na chuideachadh.

Tha a bhith a' dèanamh uisge-beatha an ìre mhath sìmplidh. Tha eòrna air a bhrachadh le bhith ga chur am bogadh gus a bheil e gus ginideachadh mus tèid a thiormachadh, mar as trice os cionn teine mònadh, agus an uair sin tha e air a bhleith sìos.Tha e an uair sin air a ghluasad gu soitheach le uisge teth agus beirm gus brachadh. Tha am measgachadh seo, ris an canar masgadh, an uair sin air a ghoil ann am poit copar no coire mòr agus tha an deatach a th' air a dhèanamh air an cruinneachadh agus air fhuarachadh ann am pìob chuairsgeach, ris an canar boiteag, a tha ceangailte ris a' phoit. Tha an deatach an uair sin a' tilleadh gu cumadh lionn - uisge-beatha.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Làrach bothan uisge-beatha Sgoraig

ROS: Loch Bhraoin

Sgaoraig; uisge-beatha mì-laghail; stailean uisge-beatha

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg