Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-deighe & liana lìn bhradain, Sgoraig
EXTERNAL ID
PC_BUSH_005
ÀITE
Sgoraig
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22006
KEYWORDS
iasgach
lìn iasgach
gnìomhachas an iasgaich
Sgoraig
Ice house & salmon net green, Scoraig

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn trì iasgairean à Sgoraig nan seasamh air beulaibh an liana lìn agus an taigh-deighe. Chan eil fios carson a tha iad ann an "aodach coimheach".

Tha sinn air dithis de na tha anns an dealbh aithneachadh. 'S e Iain MacRath a th' air an làimh dheis agus Tha Rodaidh MacGriogair air an làimh chlì. Mas urrainn do dhuine sam bith ar cuideachadh le bhith ag aithneachadh an duine sa mheadhan bhiodh sinn toilichte cluinntinn bhuaibh.

B' e àiteachan a bha air an cur gu aon taobh airson na lìn a chàradh ann an coimhearsnachdan iasgaich a bh' ann an liantan lìn. Bha deigh air a chleachdadh gus an t-iasg a ghleidheadh mus robh e air a ghiùlan gu margaidh.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-deighe & liana lìn bhradain, Sgoraig

ROS: Loch Bhraoin

1930an

iasgach; lìn iasgach; gnìomhachas an iasgaich; Sgoraig

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg