Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàta Bradain Sgoraig a-mach bho Rubha Rèidh
EXTERNAL ID
PC_BUSH_006
ÀITE
Rubha Rèidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
CRUTHADAIR
Alun Bush
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22007
KEYWORDS
iasgach
iasgairean
bàtaichean iasgaich
Sgoraig
Scoraig Salmon boat off Rubha Reidh

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn dà iasgair ann am bàt'-iasgaich a-mach bho Rubha Rèidh air leth-eilean Sgoraig. 'S e Uilleam MacRath an duine a tha air an stiùir. 'S e Sìm MacCoinnich às an Alltan Dubh an duine a tha le cùlaibh ris a' chamara. B' e Ailean Bush an neach a thog an dealbh agus bha esan cuideachdd an urra ris an einnsean.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàta Bradain Sgoraig a-mach bho Rubha Rèidh

ROS: Loch Bhraoin

iasgach; iasgairean; bàtaichean iasgaich; Sgoraig

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn dà iasgair ann am bàt'-iasgaich a-mach bho Rubha Rèidh air leth-eilean Sgoraig. 'S e Uilleam MacRath an duine a tha air an stiùir. 'S e Sìm MacCoinnich às an Alltan Dubh an duine a tha le cùlaibh ris a' chamara. B' e Ailean Bush an neach a thog an dealbh agus bha esan cuideachdd an urra ris an einnsean.<br /> <br /> 'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.<br /> <br /> Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.