Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iasgairean bhradain Sgoraig
EXTERNAL ID
PC_BUSH_008
ÀITE
Sgoraig
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22009
KEYWORDS
iasgach
iasgairean
Sgoraig
Scoraig salmon fishermen

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn buidheann iasgairean ann an Sgoraig anns na 1940an no na 1950an. San dealbh tha Ailig Caimbeul (as fhaide gu clì) agus Bilidh MacRath (an dàrna àite bho dheas). Dh'fhaodadh gur e Bob Pryde an duine a th' anns a' mheadhan. 'S e an dàna cuid Ceanaidh Dean MacCoinnich no bràthair Ceanaidh Dean an duine as fhaide gu deas.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iasgairean bhradain Sgoraig

ROS: Loch Bhraoin

1940an; 1950an

iasgach; iasgairean; Sgoraig

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn buidheann iasgairean ann an Sgoraig anns na 1940an no na 1950an. San dealbh tha Ailig Caimbeul (as fhaide gu clì) agus Bilidh MacRath (an dàrna àite bho dheas). Dh'fhaodadh gur e Bob Pryde an duine a th' anns a' mheadhan. 'S e an dàna cuid Ceanaidh Dean MacCoinnich no bràthair Ceanaidh Dean an duine as fhaide gu deas.<br /> <br /> 'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.<br /> <br /> Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.