Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaigh aig Camas an Eòin, Sgoraig
EXTERNAL ID
PC_BUSH_010
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22011
KEYWORDS
Sgoraig
uaighean
làraich adhlacaidh
cladhan
Grave at Camas an Eòin, Scoraig

Tha an dealbh camara seo a' sealltinn uaigh na aonar air taobh tuath leth-eilean Sgoraig. Chan eil fios cò tha air a thiodhlacadh an seo ged a thathas a' creidsinn gur e corp cuideigin a chaidh a lorg air an tràigh an seo a th' ann.

'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.

Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaigh aig Camas an Eòin, Sgoraig

Sgoraig; uaighean; làraich adhlacaidh; cladhan

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg

Tha an dealbh camara seo a' sealltinn uaigh na aonar air taobh tuath leth-eilean Sgoraig. Chan eil fios cò tha air a thiodhlacadh an seo ged a thathas a' creidsinn gur e corp cuideigin a chaidh a lorg air an tràigh an seo a th' ann.<br /> <br /> 'S e tuineachadh beag air an leth-eilean eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag a th' ann an Sgoraig. Cha ruigear e ach air frith-rathad còig mìle, Creag a' Chadha, no turas goirid air bàta. Tha àireamh-sluagh air atharrachadh gu mòr tha na linntean. Bho mu dhà cheud anns an 19mh linn shìolaidh e gu beagan dhaoine anns na 1960an. Ach an uair sin chunnaic e na h-uiread de ath-bheothachadh le daoine a' tighinn a-steach a lorg dòigh-beatha "eile", mar a chanar an-diugh, nach robh comasach ann mòran àiteachan eile san dùthaich.<br /> <br /> Thàinig an sgìre gu bhith fa chomhair an t-sluaigh aig deireadh na 1970an nuair a stèidhich Ùisdean Piggott Dealan Gaoithe Sgoraig a bha a' dèanamh roth-uidheaman gaoithe beaga gus dealan a thoirt dha taighean air an leth-eilean. Tha mòran den luchd-còmhnaidh gan cumail fhèin beò le gnìomhan traidiseanta leithid croitearachd, iasgach, fighe agus a' fàs glasraich. Tha sgoil ann a tha a' toirt foghlam dha clann eadar aois 3 gu 14.