Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cadha nam Muc, Sgoraig
EXTERNAL ID
PC_BUSH_015
ÀITE
Sgoraig
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
CRUTHADAIR
Alun Bush
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22016
KEYWORDS
dròbhaireachd
creagan
frith-rathaidean
Cadha nam Muc (The Carr), Scoraig

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn pàirt den frith-rathad anns a bheil sia mìle a dh'fhad eadar Sgoraig agus Am Bad Railleach. Chaidh a thogail aig Cadha nam Muc agus thathas a' smaoineachadh gum bithist a' faicinn peileagan, air a bheil mucan mara uaireannan, anns an t-uisge air an làimh dheis. 'S e "An Carr" a th' air a' bhealach gu h-ionadail.

Gus an caoraich agus an crodh fhaighinn gu margaidh, feumaidh croitearan Sgoraig coiseachd le an stoc air am frith-rathad seo. Bhon Bhad Railleach bha na beathaichean air an toirt ann an laraidh gu Ionad-rup Margaidh Hamaltan ann an Inbhir Pheofharain.

Tha e doirbh na h-uain fhaighinn thar na pìosan cumhang oir tha iad a' dol còmhla agus tha an fheadhainn as laige dualtach a dhol thar a' bhearradh. Ach, mar as trice tha crogaichean (caoraich nas aosta a tha air sgur a bhriodadh) ann gus a bhith air an toiseach. Tha na h-uain an uair sin beagan nas glice.

'Se leth-eilean Sgoraig am pìos talmhainn a tha eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Beag.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cadha nam Muc, Sgoraig

ROS: Loch Bhraoin

dròbhaireachd; creagan; frith-rathaidean

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg