Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' togail "Highland 1" ann an Neig, 1974
EXTERNAL ID
PC_BUSH_021
ÀITE
Neig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Neag
DEIT
1974
LINN
1970an
CRUTHADAIR
Alan Bush
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alan Bush
AITHNEACHADH MAOINE
22022
KEYWORDS
gnìomhachas
gnìomhachas na h-ola
crainn-ola
crainn-ola
Constructing "Highland 1" at Nigg, 1974

Chaidh an dealbh camara seo a thogail aig Gàrradh Neig san t-samhradh 1974. Tha e a' sealltainn triùir luchd-obrach nan seasamh air beulaibh seacaid a' chrainn-ola air an robh "Highland 1". 'S e Calum Mac a' Mhaoilein, a bha na thàthaire aig an làrach, an duine a th' air an làimh dheas.

Aig a' ghàrradh, bha an dath a bh' air ad obrach an neach-obrach a' sealltainn a dhreuchd: bha dealanairean a' caitheamh adan buidhe, bha scafallairean a' caitheamh adan dearg, bha tàthairean agus luchd-togail a' caitheamh adan uaine (agus còtaichean leathar) agus ha obraichean a' caitheamh adan gealla. Bha ceart-cheàrnagach air a pheantadh air taobh adan nan gafairean agus bha sin an aon dath ri an ceàrd.

'S e am pàirt dìreach den chrann-ola a th' ann an seacaid agus tha sin air dhinneadh do ghrunnd na mara. Tha iad air an dèanamh de thiùban stàilinn. Nuair a bha e deiseil chaidh an crann-ola a thoirt gu raon-ola Forties aig BP.

Tha geata an doca air cùlaibh a' chrainn-togail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' togail "Highland 1" ann an Neig, 1974

ROS: An Neag

1970an

gnìomhachas; gnìomhachas na h-ola; crainn-ola; crainn-ola

Alan Bush

Alun Bush - Scoraig & Nigg