Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Benjie Dall' Fionnlsasdan
EXTERNAL ID
PC_CAMPBELLROSS_01
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
c.1910
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Willie John Smith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Campbell Ross
AITHNEACHADH MAOINE
22034
KEYWORDS
coimhearsnachdan iasgaich
'Blind Benjie' Finlayson

Tha 'Benjie Dall' Fonnlasdan a' cluich na fìdhle fhad 's a tha athair a' biathadh lìon bheag. Tha an lìon bheag, mar a thathas ga biathadh air a cui do sgùile 'scoo' (cliabh). Chithear cuideachd sgùile a thathas a' dèanamh le 'sauchies' (slatan seilich) ri taobh. Tha an t-iasgair as sine a' caitheamh ceap cruinn gun bhile.

Bha coimhearsnachd iasgaich ann an Cromba co-dhiù cho fada air ais ris an t-seachdamh linn deug agus dh'fhaodadh e bhith fiù 's na tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon chòrr den bhaile agus bha an cleachdaidhean agus an dualchainnt fhèin aca.

Bha na bàtaichean iasgaich buailteach a bhith beag agus b' urrainn dha na fir iasgach faisg air an dachaigh. Bha na boireannaich a' cur a' bhiathaidh air dòigh agus ga chur air dubhain an lìn bhig. Bha iad fiù 's a' giulan nam fear a-mach chun nam bàtaichean, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus bha iad a' toirt an èisg gu tìr bho na bàtaichean ann am basgaidean.

Tha seo bho sreath de dhealbhan-camara de Chromba agus den bhaile iasgaich air an togail mu 1910 le Uilleam Iain Mac a' Ghobhainn. Bhuineadh Mac a' Ghobhainn do Chromba agus mar sin bha e eòlach air a chuspairean. Air an adhbhar sin chan eil na dealbhan cho mì-nàdarrach ri feadhainn eile bhon aon àm

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Benjie Dall' Fionnlsasdan

ROS: Crombaidh

1910an

coimhearsnachdan iasgaich

Campbell Ross

Willie John Smith Archive