Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buidheann dhaoine aiir taobh a-muigh taigh Uilleam 'Lardie' Fionnlasdan ann an Cromba
EXTERNAL ID
PC_CAMPBELLROSS_05
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
c.1910
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Willie John Smith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Campbell Ross
AITHNEACHADH MAOINE
22038
KEYWORDS
coimhearsnachdan iasgaich
Group of people outide William 'Lairdie' Finlayson's house in Cromarty

Tha buidheann de mhuinntir an iasgaich (dithis fhireannach, triùir bhoireannach agus nighean) rim faicinn ann an gàrradh clach-mhuile taobh a-muigh bothan-tughaidh agus air a bheil sgreamhag ann an Cromba. Tha an neach leis a bheil an taigh, Uilleam 'Lardie' Fionnlasdan, na sheasamh air beulaibh an dorais. Tha an nighean ri aghaidh an deilbh le 'platach' (brat de mhuran a bhathas a' cleachdadh airson na cleibh a chòmhdach) air a glùin agus tha dà 'phlatach' eile gu a làimh chlì. Mun cuairt a' ghàrraidh tha ceithir seòrsachan sgùilean 'scoo' (cliabh) eadar-dhealaichte, tubaichean agus baraille air a thoirt às a chèile.

Bha coimhearsnachd iasgaich ann an Cromba co-dhiù cho fada air ais ris an t-seachdamh linn deug agus dh'fhaodadh e bhith fiù 's na tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon chòrr den bhaile agus bha an cleachdaidhean agus an dualchainnt fhèin aca.

Bha na bàtaichean iasgaich buailteach a bhith beag agus b' urrainn dha na fir iasgach faisg air an dachaigh. Bha na boireannaich a' cur a' bhiathaidh air dòigh agus ga chur air dubhain an lìn bhig. Bha iad fiù 's a' giulan nam fear a-mach chun nam bàtaichean, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus bha iad a' toirt an èisg gu tìr bho na bàtaichean ann am basgaidean.

Tha seo bho sreath de dhealbhan-camara de Chromba agus a' bhaile iasgaich air an togail mu 1910 le Uilleam Iain Mac a' Ghobhainn. Bhuineadh Mac a' Ghobhainn dha Cromba agus mar sin bha e eòlach air a chuspairean. Air an adhbhar sin chan eil na dealbhan cho mì-nàdarrach ri feadhainn eile bhon aon àm

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buidheann dhaoine aiir taobh a-muigh taigh Uilleam 'Lardie' Fionnlasdan ann an Cromba

ROS: Crombaidh

1910an

coimhearsnachdan iasgaich

Campbell Ross

Willie John Smith Archive