Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iain Merrick agus a theaghlach taobh a-muigh an taigh aca ann an Cromba.
EXTERNAL ID
PC_CAMPBELLROSS_18
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
c.1910
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Willie John Smith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Campbell Ross
AITHNEACHADH MAOINE
22051
KEYWORDS
coimhearsnachdan iasgaich
John Merrick and his family outside their house in Cromarty.

Tha Iain Merrick agus a theaghlach nan suidhe air taobh a-muigh an taighe ann an Cromba. Chaidh an taigh, ris an canar an Loidse, a thogail leis an 'Wrights and Coopers Society ' (ris an canar na 'Hammermen' cuideachd) anns na 1820an.

Bha coimhearsnachd iasgaich ann an Cromba co-dhiù cho fada air ais ris an t-seachdamh linn deug agus dh'fhaodadh e bhith fiù 's na tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon chòrr den bhaile agus bha an cleachdaidhean agus an dualchainnt fhèin aca.

Bha na bàtaichean iasgaich buailteach a bhith beag agus b' urrainn dha na fir iasgach faisg air an dachaigh. Bha na boireannaich a' cur a' bhiathaidh air dòigh agus ga chur air dubhain an lìn bhig. Bha iad fiù 's a' giulan nam fear a-mach chun nam bàtaichean, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus bha iad a' toirt an èisg gu tìr bho na bàtaichean ann am basgaidean.

Tha seo bho sreath de dhealbhan-camara de Chromba agus a' bhaile iasgaich air an togail mu 1910 le Uilleam Iain Mac a' Ghobhainn. Bhuineadh Mac a' Ghobhainn dha Cromba agus mar sin bha e eòlach air a chuspairean. Air an adhbhar sin chan eil na dealbhan cho mì-nàdarrach ri feadhainn eile bhon aon àm

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain Merrick agus a theaghlach taobh a-muigh an taigh aca ann an Cromba.

ROS: Crombaidh

1910an

coimhearsnachdan iasgaich

Campbell Ross

Willie John Smith Archive