Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' càradh bhàtaichean ann an Cromba
EXTERNAL ID
PC_CAMPBELLROSS_23
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
c.1910
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Willie John Smith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Campbell Ross
AITHNEACHADH MAOINE
22056
KEYWORDS
coimhearsnachdan iasgaich
bàtaichean iasgaich
Repairing boats at Cromarty

Ann an Cromba, tha còignear iasgairean agus balach a' coimhead fhad 's a tha duine eile a' sàbhadh pìos fiodha airson bàta a chàradh. Tha dà bhàta eile air an tarraing suas air a' chladach, agus b' ann le Daibhidh 'Murda' Fionnlasdan a bha am bàta air an làimh dheis (INS469). Thar an uisge, air cladach a tuath Caolas Chrombaigh, tha Taigh Dhùn Sgàth agus Taigh-òsta Aiseag Neig.

Bha coimhearsnachd iasgaich ann an Cromba co-dhiù cho fada air ais ris an t-seachdamh linn deug agus dh'fhaodadh e bhith fiù 's na tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon chòrr den bhaile agus bha an cleachdaidhean agus an dualchainnt fhèin aca.

Bha na bàtaichean iasgaich buailteach a bhith beag agus b' urrainn dha na fir iasgach faisg air an dachaigh. Bha na boireannaich a' cur a' bhiathaidh air dòigh agus ga chur air dubhain an lìn bhig. Bha iad fiù 's a' giulan nam fear a-mach chun nam bàtaichean, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus bha iad a' toirt an èisg gu tìr bho na bàtaichean ann am basgaidean.

Tha seo bho sreath de dhealbhan-camara de Chromba agus a' bhaile iasgaich air an togail mu 1910 le Uilleam Iain Mac a' Ghobhainn. Bhuineadh Mac a' Ghobhainn dha Cromba agus mar sin bha e eòlach air a chuspairean. Air an adhbhar sin chan eil na dealbhan cho mì-nàdarrach ri feadhainn eile bhon aon àm

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' càradh bhàtaichean ann an Cromba

ROS: Crombaidh

1910an

coimhearsnachdan iasgaich; bàtaichean iasgaich

Campbell Ross

Willie John Smith Archive