Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-staile Rìoghail na Braclaich
EXTERNAL ID
PC_CAWDOR_05
ÀITE
Caladar
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Chaladair
AITHNEACHADH MAOINE
22081
KEYWORDS
seallaidhean on adhair
deilbh on adhar
taighean-staile
grùdaireachd
taighean-grùide
caistealan
a' phoit dhubh
alltan
uillt
mac na bracha
uisge beatha na bracha
Royal Brackla Distillery

'S e seo sealladh on adhar de Thaigh-staile Rìoghail na Braclaich, faisg air Caisteal Chaladair. Chaidh Taigh-staile na Braclaich a chur air bhonn leis a' Chaiptein Uilleam Friseal, o Thaigh na Braclaich faisg air làimh, san àite far an robh roimhe taigh-grùdaireachd on 18mh linn. 'S e a' chiad taigh-staile a fhuair barantas rìoghail, an toiseach o Rìgh Uilleam IV ann an 1835 agus a-rithist on Bhanrigh Bhictoria ann an 1838.

Sna bliadhnaichean tràtha bha an taigh-staile feumail do thuathanaich na sgìre oir dh'fhaodadh iad an t-eòrna a reic aig an taigh an àite a bhith a' pàigheadh airson a ghiùlan na b' fhaide air falbh. Ach bha aig a' Chaiptean ri bhith ann an co-fharpais ri muinntir nam poitean dubha nach robh a' pàigheadh chìsean. Bha obair nan cùl-mhutairean gu math bitheanta aig an àm sin ann an sgìrean dùthchail Shiorrachd Narann.

Chaidh an taigh-staile a leudachadh sna 1970an ach dhùin e an 1985. Sna 1990an chaidh a ghabhail thairis le John Dewar & Sons airson Bacardi agus thòisich e a-rithist air obair staile. Tha uisge airson an obair-staile air a tharraing, mar a bha e a-riamh, o Allt Chaladair agus tha ceithir stailean an-diugh ag obair. Ged a s e uisge-beatha de bhraich singilte le ìre fhèin a th' anns a' Bhraclaich Rìoghail, tha a' chuid as motha de na th' air a dhèanamh san taigh-staile an-diugh a' falbh gus uisge-beatha measgaichte a dhèanamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-staile Rìoghail na Braclaich

SIORRACHD NARANN: Caladar

seallaidhean on adhair; deilbh on adhar; taighean-staile; grùdaireachd; taighean-grùide; caistealan; a' phoit dhubh; alltan; uillt; mac na bracha; uisge beatha na bracha

Comann Dualchais Chaladair

Cawdor Heritage Group

'S e seo sealladh on adhar de Thaigh-staile Rìoghail na Braclaich, faisg air Caisteal Chaladair. Chaidh Taigh-staile na Braclaich a chur air bhonn leis a' Chaiptein Uilleam Friseal, o Thaigh na Braclaich faisg air làimh, san àite far an robh roimhe taigh-grùdaireachd on 18mh linn. 'S e a' chiad taigh-staile a fhuair barantas rìoghail, an toiseach o Rìgh Uilleam IV ann an 1835 agus a-rithist on Bhanrigh Bhictoria ann an 1838.<br /> <br /> Sna bliadhnaichean tràtha bha an taigh-staile feumail do thuathanaich na sgìre oir dh'fhaodadh iad an t-eòrna a reic aig an taigh an àite a bhith a' pàigheadh airson a ghiùlan na b' fhaide air falbh. Ach bha aig a' Chaiptean ri bhith ann an co-fharpais ri muinntir nam poitean dubha nach robh a' pàigheadh chìsean. Bha obair nan cùl-mhutairean gu math bitheanta aig an àm sin ann an sgìrean dùthchail Shiorrachd Narann.<br /> <br /> Chaidh an taigh-staile a leudachadh sna 1970an ach dhùin e an 1985. Sna 1990an chaidh a ghabhail thairis le John Dewar & Sons airson Bacardi agus thòisich e a-rithist air obair staile. Tha uisge airson an obair-staile air a tharraing, mar a bha e a-riamh, o Allt Chaladair agus tha ceithir stailean an-diugh ag obair. Ged a s e uisge-beatha de bhraich singilte le ìre fhèin a th' anns a' Bhraclaich Rìoghail, tha a' chuid as motha de na th' air a dhèanamh san taigh-staile an-diugh a' falbh gus uisge-beatha measgaichte a dhèanamh