Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gàrraidhean Caisteal Chaladair
EXTERNAL ID
PC_CAWDOR_07B
ÀITE
Caladar
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
DEIT
1905
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Chaladair
AITHNEACHADH MAOINE
22084
KEYWORDS
caistealan
drochaidean-togail
dìgean
Shakespeare
taighean-tùir
geataichean
droigheann
aisealan
dualchas
seanchas
fo-thalla
Clann Chaimbeul
cinnidhean
seann dachaighean
oighreachdan arfuntaichte
Cawdor Castle Gardens

Chaidh an dealbh seo de Ghàrradh Fhlùraichean Caisteal Chaladair a pheantadh le G Elgood ann an 1905. Tha pàircean mòra làn chraobhan aig a' chaisteal agus trì gàrraidhean. Chaidh Gàrradh nam Ballachan a chruthachadh tràth san t-17mh linn airson flùraichean, measan agus glasraich fhàs. Às dèidh sin chleachdadh e na ghàrradh cidsin agus a-nis tha ioma-shlighe nan craobh chuilinn ann. Chaidh Gàrradh nam Flùraichean, ri fhaicinn an seo, a chur sìos mu cheud bliadhna às dèidh sin agus tha e ainmeil airson a chrìochan lusanach. Chaidh an Gàrradh Fiadhaich a chur sna 1960an agus tha e na laighe eadar an Caisteal agus Allt Chaladair.

A rèir MacBeth aig Shakespeare, 's ann ann an Caisteal Chaladair a fhuair an Rìgh Donnchadh bàs, ach bhàsaich MacBeatha fhèin ann an 1052, grunn linntean mus deach an caisteal seo a thogail.

Bha Tàinean tràtha Chaladair nan luchd-gleidhidh air caisteal rìoghail Inbhir Narann, ach bha taigh dùthchail aca aig Seann Chaladar mu mhìle gu tuath air Caisteal Chaladair an latha an-diugh. Tha fianais ann gur dòcha gun robh togalach air a thòiseachadh anmoch sa 14mh linn air làrach an latha an-diugh, ach b' ann an 1454 a fhuair an Tàna Uilleam Chaladair cead rìoghail gus caisteal a thogail ann an Caladar. Thog e taigh-tùir sìmplidh ceithir-lobhtach, a chaidh ath-chruthachadh a-rithist le turaidean mullaich. Chaidh an geata iarainn a thoirt ann o Chaisteal Lochandorb nuair a chaidh a leagail ann an 1457.

Tha seanchas ag innse gun deach an caisteal a thogail timcheall air craobh droighinn an dèidh do bhruadar a bhith aig an Tàna Uilleam, bruadar a dh' innis dha a' chiste ionmhais a thogail air aiseal agus far an stadadh am beathach, gum b' ann an sin a bu chòir dha caisteal a thogail. Laigh am beathach ri taobh craoibh droighinn agus chaidh an t-àite a sguabadh glan gus bun-chlachan an tùir a chur sìos. Tha na mhaireas de sheann chraoibh fhathast air a gleidheadh ann am fo-thalla aig bun an tùir agus tha lorg-aoise-charbon air sealltainn gu bheil i mu 600 bliadhna a dh'aois.

'S e Caladar an t-ainm a bh' air an teaghlach an toiseach, ach ann an 1510 thug iad air Moireal Chaladair, aois 13, Sir Iain Caimbeul, mac Iarla Earra-ghàidheil, a phòsadh, agus chaidh am fearann agus an tiotal seachad gu Clann Chaimbeil. Anmoch san t-17mh linn rinn Sir Ùisdean Caimbeul atharrachadh mòr agus chuir e pìosan ùra ris a' chaisteal beagan mus tàinig air fhèin agus air a theaghlach Caladar fhàgail air sgàth an taobh a bh' aca ri na Seumasaich. Dh'fhuirich iad sa Chuimrigh cha mhòr fad na linn às dèidh sin mus do thill iad nan Iarlachan Chaladair gus obair ùrachaidh agus gleidhidh a dhèanamh air a' chaisteal. Tha Caisteal Chaladair fhathast na dhachaigh do theaghlach Chaladair a bharrachd air a bhith na phrìomh àite-tàlaidh do luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gàrraidhean Caisteal Chaladair

SIORRACHD NARANN: Caladar

1900an

caistealan; drochaidean-togail; dìgean; Shakespeare; taighean-tùir; geataichean; droigheann; aisealan; dualchas; seanchas; fo-thalla; Clann Chaimbeul; cinnidhean; seann dachaighean; oighreachdan arfuntaichte

Comann Dualchais Chaladair

Cawdor Heritage Group