Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr dhen Fhaoighteach Chaledonianach, 1848
EXTERNAL ID
PC_CC_1848
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
DEIT
1848
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
A R MacEwen
AITHNEACHADH MAOINE
22120
KEYWORDS
faoighteachan
Faoighteach Chaledonian
Tòmas Telford
zoomable
deilbh leudachail

Tha an clàr seo a' sealltainn Faoighteach Chaledoniach an dèidh a bhith air a chàradh ann an 1847.

Ann an 1773, chaidh rannsachadh a dhèanamh dha na h-Urrasairean dhe na h-Oighreachdan a chaidh a leigeil seachad air dè cho soirbheachail 's a bhiodh faoighteach a bhiodh a' ceangal nan costaichean an iar agus an ear. Bhathar ag amas air amannan siubhail a lùghdachadh agus gus cothrom siubhail sàbhailte a thoirt do sgothan iasgaich agus do longan carago eile bho ionnsaighean nàimhdeil agus bho dhroch mhuir. Bhathar cuideachd dhen bheachd gun cuireadh e stad air daoine a bhith a' fàgail na Gàidhealtachd nam biodh am faoighteach air a thogail. Ach, bhathar an dùil gun cosgadh e £164,000, suim a bha cus aig an àm. Ann an 1800 chaidh Tòmas Telford fhastadh gus am plana a dhealbh agus a chur air chois.

Chaidh am faoighteach fhosgladh ann an 1822. Dh'adhbharaich droch thogail de bhallachan nan claisean nach robh e cho èifeachdach bho 1830 gus an deach sin a chàradh ann an 1847. Bhathar an dùil gun cosgadh e £474,531. Air a' cheann thall, chosg e £1,400,000 airson a dhèanamh.

Airson iomadh adhbhar, 's ann aineamh a bha Faoighteach a' Chaledonian air a chleachdadh gu a làn chomasan. Bhon a bha iomadach clais ann agus bhon nach robh e domhainn gu leòr, gu h-àraid ann an Loch Oich, dh'adhbharaich e nach b' urrainn do longan na bu mhotha siubhal troimhe, agus bhon a thòisich stiomairean, bhon a bha barrachd sholais mun chosta, agus nach robh uiread de chunnart ann bho longan bha e a' ciallachadh nach robh uiread de dh'fheum air an fhaoighteach seach an àm a bha e air a dhealbh. 'S ann rè an dà Chogadh Mhòr a dh'atharraich seo an uair a chaidh a dhearbhadh gun robh feum ro-innleachdail air an fhaoightich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr dhen Fhaoighteach Chaledonianach, 1848

INBHIR NIS

1840an

faoighteachan; Faoighteach Chaledonian; Tòmas Telford; zoomable; deilbh leudachail