Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Patagonia ann an Tierra del Fuego
EXTERNAL ID
PC_CHALMERS_02
ÀITE
Patagonia (Tierra del Fuego, Argentina)
CRUTHADAIR
Bill and Barbara Chalmers
NEACH-FIOSRACHAIDH
Bill agus Barbara Chalmers
AITHNEACHADH MAOINE
22122
KEYWORDS
eilthireachd
Patagonia in Tierra del Fuego

"My Grandfather's Story" le Bill Chalmers

Ann an 1893 dh'fhàg mo sheanair, Alasdair MacAsgaill (Alexander McAskill), a dhachaigh ann an Drochaid Bhruthainn air an rathad eadar Baile nan Granndach agus Tom an t-Sabhail. B' e cìobair a bh' ann agus bha e a' leantainn traidisean san teaghlach oir is e dròbhair a bha na athair. Bha fhios aige cho doirbh agus aonarach 's a bha a' bheatha seo agus bha fhios aige cuideachd nach robh mòran sheans ann gun dèanadh e airgead gu leòr airson tuathanas a cheannach dha fhèin aig a' cheann thall. Air an adhbhar seo agus e ag iarraidh a àrdachadh fhèin, shoidhnig e cùmhnant-obrach còig bliadhna le companaidh aig an robh tòrr talmhainn ann am Patagonia ann an Tierra del Fuego ann am fìor cheann a deas Ameireagaidh a Deas.

Bha an cùmhnant gu math sìmplidh agus chaidh a bhrosnachadh tro na meadhanan agus le cuid de na ministearan anns na h-Eileanan Siar mar deagh chothrom airson fir òga. Bha a thuras ann agus a bhiadh agus cuid oidhche air a phàigheadh cho math ri tuarastal aig deireadh a' chùmhnant. Cha robh aige fhèin ri thoirt seachad ach aodach fhèin agus dà chù chaorach!

Tha mi a' tuigsinn gun tug an turas mara 6 seachdainean bho Liverpool, timcheall costa na h-Eòrpa agus thairis air a' Chuan Siar agus gun deach a thoirt an uair sin bho Punta Arenas gu deas bho Bhraisil don Estancia far an robh e gu bhith ag obair. Fhuair e a òrdughan anns an Estancia far an d'fhuair e each, biadh, raidhfil agus peileirean. Chaidh a thoirt an uair sin mu 15 mìle don charabhan aige, carabhan coltach ris an fheadhainn a bh' aig luchd-obrach ann am Breatainn ron chogadh, anns 'a' champo' [a tha a' ciallachadh 'air an dùthaich']. Bha feum air an raidhfil oir bha cuid de na treubhan tùsanach fhathast nàimhdeil agus a chionn 's gun robh 'leòmhann beinne Ameireaga a Deas' ann a bhiodh a' marbhadh nan caorach.

An seo, bha aige ri coimhead às dèidh 1000 caora agus is dòcha a dheich uimhir 's a bha san treud aige ann an Alba. Uaireannan cha bhiodh e a' coinneachadh ri cìobair sam bith eile fad seachdain no uaireannan fad mìos. Bha an dòigh-beatha gu math garbh oir bha stoirmean-sneachda ann gu tric anns a' gheamhradh agus bha a' ghaoth gu math làidir cha mhòr fad an t-siubhail. Bha mu 300,000 heactair de thalamh ionaltraidh garbh air an Estancia seo far an robh mu chairteal a' mhillein caora.

A rèir coltais, bha e sona gu leòr ged a bha an dòigh-beatha gu math garbh agus dh'ath-nuadhaich e a chùmhnant ann an 1898, a-rithist ann an 1903 agus airson an treas turais ann an 1908. B' e an t-amas aige gu leòr airgead a dhèanamh gus gabhaltas fhaighinn air a thuathanas fhèin ann an Srath Spè, an sgìre aige fhèin.

Air na greisean aige ann an Drochaid Neithich eadar na cùmhnantan aige, thuit e ann an gaol leis an nighean a b' òige aig gobha na sgìre. B' i Annie NicAnndra. Thug iad seachad gealladh pòsaidh agus nuair a chaidh baile a thogail airson luchd-obrach aig an robh bean is teaghlach ann an inbhir Aibhne Shealtainn (Shetland), bha cothrom aca pòsadh. B' e Rio McLellan an t-ainm a bh' air a bhaile aig an àm sin agus chaidh ainmeachadh air stiùiriche na companaidh. Mar sin, chaidh i a-mach le stuthan gus dachaigh a dhèanamh gu Punta Arenas anns an Fhaoilleach 1908 agus phòs iad ann an Eaglais Easbaigeach an Naoimh Sheumais 15 Màrt 1908.

Dh'fhàs iad coifhuirteil ann an taigh oighreachd beag agus ged a bha an t-àite gu math iomallach - mu 80 mìle air falbh bhon bhaile as fhaisg, rug mo sheanmhair trì pàistean anns a' chiad trì bliadhna den phòsadh aige. B' i mo mhàthair am pàiste a b' òige.

Nuair a thàinig an cùmhnant aige gu crìch ann an 1913, thill e fhèin agus a bhean agus an cuid cloinne, dà nighean agus balach, gu Drochaid Neithich agus iad an dùil gun deach an t-airgead a chur e a-steach don bhanca aige ann an Ameireaga a Deas a chur a-nall gu Baile nan Granndach.

Gidheadh, a rèir beul-aithris an teaghlaich, nuair a chaidh e don bhanca, fhuair e a-mach gun deach tòrr den airgead aige a ghoid agus gun robh tòrr nas lugha de dh' airgead anns a' chunntas na bha e an dùil. Air an adhbhar seo, bha aige ri dhol air ais a Phatagonia air cùmhnant eile. Chaidh mo sheanmhair agus m' uncail ann còmhla ris ach dh'fhuairch mo mhàthair agus a piuthar le buill eile den teaghlaich.

Thòisich an Cogadh Mòr ann an 1914 agus nuair a thàinig a chùmhnant gu crìch ann an 1918, cha robh seirbheisean bàtaichean-smùid àbhaisteach do luchd-siubhail air tòiseachadh a-rithist agus mar sin, bha aige ri fuireach ann an Ameireagadh a Deas. Ghluais e gu Argentina uaireigin ach chan eil mi cinnteach cuin.

Mu dheireadh ann an 1922, às dèidh ochd bliadhna, thill e dhachaidh le mo sheanmhair agus le bràthair mo mhàthar mar neach-gabhaltais Tuathanas Sleibhmhor faisg air Drochaid Neithich gus an t-amas a bh' aige fad còrr is 20 bliadhna a choileanadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture