Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bothan Iasgair, A' Chùil, faisg air Dùror Apainn
EXTERNAL ID
PC_CS_PHOTO_004
ÀITE
A' Chùil
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Fiona Patrick
AITHNEACHADH MAOINE
22158
KEYWORDS
taigh
taigheadas
taigh-croite
taigh-tughaidh
iasgach
Fisherman's Bothy, Cuil, near Duror, Appin

Tha an t-ìomhaigh seo a' sealltainn bothan agus seada iasgair ann an Cùil, faisg air Dùror, Apainn. Bho thùs, bha am bothan mòran na b' fhaide le stoidhle eadar-dhealaichte de thughadh agus dà phoit similear beag. (Tha fios againn air an seo bho dhealbh camara a thog Erskine Beveridge ann an 1883) Chaidh mullach eile a chur air an togalach uaireigin aig deireadh na 19mh linn agus tràth anns an 20mh linn. Chaidh am balla taobh na mara a thogail suas cuideachd agus chaidh similear a chur ris. Bhiodh an t-seada air a cleachdadh airson a bhith a' stòradh lìn agus uidheam iasgaich eile.

A rèir coltais tha iasgach bhradain air a bhith a' còrdadh ri mòran sa cheàrnaidh seo airson còrr agus ceithir ceud bliadhna. Tha mapa Phont (1595) a' sealltainn iasg aig beul Abhainn Duror agus tha an teacsa a tha na chois a' dearbhadh gu bheil an abhainn math airson bradan. An-diugh, tha am bothan fhathast ga chleachdadh ach tha seusan an iasgaich air a ghiorrachadh gus an àireamh bhradain a ghleidheadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bothan Iasgair, A' Chùil, faisg air Dùror Apainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

taigh; taigheadas; taigh-croite; taigh-tughaidh; iasgach

Fiona Patrick

Tha an t-ìomhaigh seo a' sealltainn bothan agus seada iasgair ann an Cùil, faisg air Dùror, Apainn. Bho thùs, bha am bothan mòran na b' fhaide le stoidhle eadar-dhealaichte de thughadh agus dà phoit similear beag. (Tha fios againn air an seo bho dhealbh camara a thog Erskine Beveridge ann an 1883) Chaidh mullach eile a chur air an togalach uaireigin aig deireadh na 19mh linn agus tràth anns an 20mh linn. Chaidh am balla taobh na mara a thogail suas cuideachd agus chaidh similear a chur ris. Bhiodh an t-seada air a cleachdadh airson a bhith a' stòradh lìn agus uidheam iasgaich eile.<br /> <br /> A rèir coltais tha iasgach bhradain air a bhith a' còrdadh ri mòran sa cheàrnaidh seo airson còrr agus ceithir ceud bliadhna. Tha mapa Phont (1595) a' sealltainn iasg aig beul Abhainn Duror agus tha an teacsa a tha na chois a' dearbhadh gu bheil an abhainn math airson bradan. An-diugh, tha am bothan fhathast ga chleachdadh ach tha seusan an iasgaich air a ghiorrachadh gus an àireamh bhradain a ghleidheadh.