Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàt-aigeal Gearmailteach (U-992) ann an Loch Earabol
EXTERNAL ID
PC_DAVID_HIRD_01
ÀITE
Loch Earabol
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
DEIT
1945
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
David Hird
AITHNEACHADH MAOINE
22165
KEYWORDS
an Dara Cogadh
cogadh
an Dàrna Cogadh
an dara Cogadh Mòr
German U-boat (U-992) at Loch Eriboll

San dealbh-chamara seo chithear bàta-aigeal an Nèibhidh Ghearmailtich, no U-boat U-992, ga ceangal suas ri taobh HMCS Nene den 9mh Buidheann Fhreiceadain Chanada air an 19mh Cèitean 1945 ann an Loch Earabol, an dèidh dhi gèilleadh ann an Narvik, Nirribhidh, deich làithean na bu tràithe. Chaidh a ghluasad ro dheireadh na mìos gu Loch Ryan an Èirinn a Tuath airson 'Operation Deadlight' - tachartas faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh a chur fodha a dh'aon ghnothaich a h-uile h-aon de na bàtaichean-aigeal Gearmailteach a bh' air gèilleadh.

'S e Loch Earabol, uaireigin na h-acarsaid a bha deatamach dhan nèibhidh, an loch mara as doimhne sa Rìoghachd Aonaichte. Bha e na àite-cruinneachaidh cudthromach do bhàtaichean-aigeal Gearmailteach a bha a' gèilleadh sa Chèitean 1945, nuair a thàinig còrr is deich air fhichead dhiubh a-steach don loch

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàt-aigeal Gearmailteach (U-992) ann an Loch Earabol

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

1940an

an Dara Cogadh; cogadh; an Dàrna Cogadh; an dara Cogadh Mòr

David Hird

San dealbh-chamara seo chithear bàta-aigeal an Nèibhidh Ghearmailtich, no U-boat U-992, ga ceangal suas ri taobh HMCS Nene den 9mh Buidheann Fhreiceadain Chanada air an 19mh Cèitean 1945 ann an Loch Earabol, an dèidh dhi gèilleadh ann an Narvik, Nirribhidh, deich làithean na bu tràithe. Chaidh a ghluasad ro dheireadh na mìos gu Loch Ryan an Èirinn a Tuath airson 'Operation Deadlight' - tachartas faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh a chur fodha a dh'aon ghnothaich a h-uile h-aon de na bàtaichean-aigeal Gearmailteach a bh' air gèilleadh. <br /> <br /> 'S e Loch Earabol, uaireigin na h-acarsaid a bha deatamach dhan nèibhidh, an loch mara as doimhne sa Rìoghachd Aonaichte. Bha e na àite-cruinneachaidh cudthromach do bhàtaichean-aigeal Gearmailteach a bha a' gèilleadh sa Chèitean 1945, nuair a thàinig còrr is deich air fhichead dhiubh a-steach don loch