Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàt-aigeal (U-516) a' tighinn gu Loch Earabol
EXTERNAL ID
PC_DAVID_HIRD_03
ÀITE
Loch Earabol
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
DEIT
1945
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
David Hird
AITHNEACHADH MAOINE
22167
KEYWORDS
an Dara Cogadh
cogadh
an Dàrna Cogadh
an dara Cogadh Mòr
German U-boat (U-516) approaching Loch Eriboll

San dealbh-chamara seo chithear bàta-aigeal an Nèibhidh Ghearmailtich, no U-boat, U-516, a' tighinn gu Loch Earabol. Tha bratach aig a' bhàt'-aigeal ris a tha a' sealltainn gu bheil i a' gèilleadh, agus chithear muinntir na sgioba air an cruinneachadh air an drochaid aige. Chaidh an dealbh a thogail air an 10mh Cèitein 1945 o phlèana an RAF.

B' e U-516 am fear fada as soirbheachaile de bhàtaichean-aigeal Loch Earabol, oir bha e air seachd soitheach deug a chur fodha no a dhochann, le mu 99,000 tonna annta de chabhlach a' Cho-chaidreachais. Faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh chaidh a ghluasad gu Lios a' Shalaidh an Èirinn a Tuath airson 'Operation Deadlight', anns an deach a h-uile h-aon de na bàtaichean-aigeal Gearmailteach a bh' air gèilleadh an cur fodha ga dh'aon ghnothaich.

'S e Loch Earabol, uaireigin na acarsaid dheatamach aig an nèibhidh, an loch mara as doimhne sa Rìoghachd Aonaichte. Bha e na àite-cruinneachaidh cudthromach do bhàtaichean-aigeal Gearmailteach a bha a' gèilleadh sa Chèitean 1945, nuair a thàinig còrr is deich air fhichead dhiubh a-steach don loch

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàt-aigeal (U-516) a' tighinn gu Loch Earabol

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

1940an

an Dara Cogadh; cogadh; an Dàrna Cogadh; an dara Cogadh Mòr

David Hird

San dealbh-chamara seo chithear bàta-aigeal an Nèibhidh Ghearmailtich, no U-boat, U-516, a' tighinn gu Loch Earabol. Tha bratach aig a' bhàt'-aigeal ris a tha a' sealltainn gu bheil i a' gèilleadh, agus chithear muinntir na sgioba air an cruinneachadh air an drochaid aige. Chaidh an dealbh a thogail air an 10mh Cèitein 1945 o phlèana an RAF.<br /> <br /> B' e U-516 am fear fada as soirbheachaile de bhàtaichean-aigeal Loch Earabol, oir bha e air seachd soitheach deug a chur fodha no a dhochann, le mu 99,000 tonna annta de chabhlach a' Cho-chaidreachais. Faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh chaidh a ghluasad gu Lios a' Shalaidh an Èirinn a Tuath airson 'Operation Deadlight', anns an deach a h-uile h-aon de na bàtaichean-aigeal Gearmailteach a bh' air gèilleadh an cur fodha ga dh'aon ghnothaich. <br /> <br /> 'S e Loch Earabol, uaireigin na acarsaid dheatamach aig an nèibhidh, an loch mara as doimhne sa Rìoghachd Aonaichte. Bha e na àite-cruinneachaidh cudthromach do bhàtaichean-aigeal Gearmailteach a bha a' gèilleadh sa Chèitean 1945, nuair a thàinig còrr is deich air fhichead dhiubh a-steach don loch