Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cluba Ball-coise Citadel - dealbh camara den sgioba bho mheadhan na 1920an
EXTERNAL ID
PC_DMACKINTOSH_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an
AITHNEACHADH MAOINE
22304
KEYWORDS
Citadel FC
Inbhir Nis
ball-coise
Sràid a' Chladaich
Lìg Ball-coise Chaledonia a Tuath
1975
Citadel Football Club - mid-1920s team photograph

Dealbh camara sgioba, a chaidh a thogail ann am meadhan na 1920an, de chluicheadairean agus luchd-stiùiridh Cluba Ball-coise Citadel. Stèidhichte aig Pàirce Sràid a' Chladaich ann an Inbhir Nis, chaidh Citadel FC a chur air bhonn ann am meadhan nan 1880an agus b' e ball stèidheachaidh de de Lìg na Gàidhealtachd a bh' ann ann an1894. Cha robh iad nam buadhaichean air Lìg na Gàidhealtachd ach aon uair, ann an 1909, ach bhuannaich iad Lìg Ball-coise Ceann a Tuath Chaledonia còig turais. Sguir iad a ghabhakil pàirt ann an Lìg na Gàidhealtachd ann an 1935, agus chaidh iad a-mach à bith dìreach ron Dàrna Cogadh.

Chun an seo chan eil sin ach air aon neach san dealbh camara aithneachadh. San dàrna àite bho dheas san t-sreath chùil tha Ailig Mac a' Ghobhainn, a bha a' cluich mar 'outside left'. An dèidh sin bha e sgairteil air comataidh Siorrachd Inbhir Nàrainn agus bho 1951 gu 1955 bha e na Cheannard air Comann Ball-coise Ceann a Tuath na h-Alba.

[Mòran taing do mhac Ailig, Alasdair, airson an fhiosrachaidh seo.]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cluba Ball-coise Citadel - dealbh camara den sgioba bho mheadhan na 1920an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

Citadel FC; Inbhir Nis; ball-coise; Sràid a' Chladaich; Lìg Ball-coise Chaledonia a Tuath; 1975

Dealbh camara sgioba, a chaidh a thogail ann am meadhan na 1920an, de chluicheadairean agus luchd-stiùiridh Cluba Ball-coise Citadel. Stèidhichte aig Pàirce Sràid a' Chladaich ann an Inbhir Nis, chaidh Citadel FC a chur air bhonn ann am meadhan nan 1880an agus b' e ball stèidheachaidh de de Lìg na Gàidhealtachd a bh' ann ann an1894. Cha robh iad nam buadhaichean air Lìg na Gàidhealtachd ach aon uair, ann an 1909, ach bhuannaich iad Lìg Ball-coise Ceann a Tuath Chaledonia còig turais. Sguir iad a ghabhakil pàirt ann an Lìg na Gàidhealtachd ann an 1935, agus chaidh iad a-mach à bith dìreach ron Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Chun an seo chan eil sin ach air aon neach san dealbh camara aithneachadh. San dàrna àite bho dheas san t-sreath chùil tha Ailig Mac a' Ghobhainn, a bha a' cluich mar 'outside left'. An dèidh sin bha e sgairteil air comataidh Siorrachd Inbhir Nàrainn agus bho 1951 gu 1955 bha e na Cheannard air Comann Ball-coise Ceann a Tuath na h-Alba.<br /> <br /> [Mòran taing do mhac Ailig, Alasdair, airson an fhiosrachaidh seo.]