Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean-còmhnaidh fir-obrach Rèile an Eilein Duibh, A' Chananaich
EXTERNAL ID
PC_DONALD_BLACKISLERAILWAY02
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22320
KEYWORDS
Rèile an Eilein Duibh
rathaidean-iarainn
rèile
rèileannan
luchd-obrach rèile
Black Isle Railway worker's cottage, Fortrose

An toiseach 's e iar-loidhne de lìon na Rèile Gàidhealaich a bh' ann an Rèile an Eilein Duibh. Bha e a' giùlan luchd-siubhail o 1894 gu 1951 (agus bathar gu 1960) agus ruith e bhon Bhlàr Dhubh dhan Chananaich agus stèiseanan eatorra aig a' Chaisteal Ruadh, Alan, Bun Lòchaidh agus Abhach.

Tha tòrr dhen rèile fhèin agus iomadh togalach stèisein air chall a-nis. Ach faodaidh neach-èasgaidh pàirtean dhen t-slighe a bh' ann a lorg agus tha feadhainn dhe na togalaichean a tha ann fhathast. San dealbh seo, mar eisimpleir, chithear fear de na sia taighean beaga sa Chananaich a bh' aig luchd-obrach na rèile. An toiseach, bhiodh na taighean ceithir-seòmrach seo nan àiteachan-còmhnaidh do dhiofar fear-obrach mu seach - draibhearan einnsein, fir nam puingean, fir nan comharraidhean, fir na talmhainn agus geàrdan na rèile a bharrachd air na teaghlaichean aca. Sa chùnntas-sluaigh an 1901, tha fichead leanabh sa dhà air an clàradh a' fuireach san t-sreath seo de thaighean - coimhearsneachd bheag leis fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean-còmhnaidh fir-obrach Rèile an Eilein Duibh, A' Chananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

Rèile an Eilein Duibh; rathaidean-iarainn; rèile; rèileannan; luchd-obrach rèile

Janine Donald

An toiseach 's e iar-loidhne de lìon na Rèile Gàidhealaich a bh' ann an Rèile an Eilein Duibh. Bha e a' giùlan luchd-siubhail o 1894 gu 1951 (agus bathar gu 1960) agus ruith e bhon Bhlàr Dhubh dhan Chananaich agus stèiseanan eatorra aig a' Chaisteal Ruadh, Alan, Bun Lòchaidh agus Abhach. <br /> <br /> Tha tòrr dhen rèile fhèin agus iomadh togalach stèisein air chall a-nis. Ach faodaidh neach-èasgaidh pàirtean dhen t-slighe a bh' ann a lorg agus tha feadhainn dhe na togalaichean a tha ann fhathast. San dealbh seo, mar eisimpleir, chithear fear de na sia taighean beaga sa Chananaich a bh' aig luchd-obrach na rèile. An toiseach, bhiodh na taighean ceithir-seòmrach seo nan àiteachan-còmhnaidh do dhiofar fear-obrach mu seach - draibhearan einnsein, fir nam puingean, fir nan comharraidhean, fir na talmhainn agus geàrdan na rèile a bharrachd air na teaghlaichean aca. Sa chùnntas-sluaigh an 1901, tha fichead leanabh sa dhà air an clàradh a' fuireach san t-sreath seo de thaighean - coimhearsneachd bheag leis fhèin