Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach le Comharraidhean-cupa, Clabhalag
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CLAVA04
ÀITE
Clabhalag
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22337
KEYWORDS
cùirn thrannsach
cairn sheòmarach
cùirn Chlabhalaig
Cup-marked Stone, Clava

San dealbh seo chithear clach le comharraidhean-cupa a tha ri oir a' bhuinn sa chàrn thrannsach dhan ear-thuath aig Clabhalag faisg air Inbhir Nis.

San ionad aig Bail' an Fhuarain de Chlabhalag tha dà chàrn a tha seòmarach agus aon chàrn cuairteach ann, gach fear dhiubh air an cuairteachadh le cearcall de leacan. Tha an t-ionad air ainm a thoirt air dà sheòrsa de chàirn a tha rin lorg timcheall air Inbhir Nis (càrn cuairteach agus uaigh thrannsach). An toiseach bha iad den bheachd gur ann bho anmoch san àm Nuadh Leacach a bha cùirn Chlabhalaig ach tha cladhadh àrsachail ùr a' toirt a' chreids gur dòcha gu bheil iad às dèidh sin, 's dòcha bho Linn an Umha.

Tha loidhne nan trannsa aig an dà chàrn tìodhlacaidh, no uaighean trannsach, a' coimhead dhan iar-dheas agus ri dol fodha na grèine an là meadhan-geamhraidh, an là as giorra a tha sa bhliadhna. Tha na clachan ìseal taiceil agus na tursachan mun cuairt air na cùirn de dhiofar meud, a' dol nas motha taobh an iar-dheas agus laighe na grèine meadhan-geamhraidh. Tha cladhadh àrsachail ann an 1828, 1857 agus na 1950an air pìosan beaga crèadha agus clach-spor a lorg agus cuideachd cnàmhan dhaoine, feadhainn dhiubh siud a chaidh an losgadh. Tha fianais ann gu robh an t-ionad air leth cudromach agus 's dòcha air a chumail do dhaoin-uasal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach le Comharraidhean-cupa, Clabhalag

INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros

2000an

cùirn thrannsach; cairn sheòmarach; cùirn Chlabhalaig

Janine Donald

San dealbh seo chithear clach le comharraidhean-cupa a tha ri oir a' bhuinn sa chàrn thrannsach dhan ear-thuath aig Clabhalag faisg air Inbhir Nis.<br /> <br /> San ionad aig Bail' an Fhuarain de Chlabhalag tha dà chàrn a tha seòmarach agus aon chàrn cuairteach ann, gach fear dhiubh air an cuairteachadh le cearcall de leacan. Tha an t-ionad air ainm a thoirt air dà sheòrsa de chàirn a tha rin lorg timcheall air Inbhir Nis (càrn cuairteach agus uaigh thrannsach). An toiseach bha iad den bheachd gur ann bho anmoch san àm Nuadh Leacach a bha cùirn Chlabhalaig ach tha cladhadh àrsachail ùr a' toirt a' chreids gur dòcha gu bheil iad às dèidh sin, 's dòcha bho Linn an Umha.<br /> <br /> Tha loidhne nan trannsa aig an dà chàrn tìodhlacaidh, no uaighean trannsach, a' coimhead dhan iar-dheas agus ri dol fodha na grèine an là meadhan-geamhraidh, an là as giorra a tha sa bhliadhna. Tha na clachan ìseal taiceil agus na tursachan mun cuairt air na cùirn de dhiofar meud, a' dol nas motha taobh an iar-dheas agus laighe na grèine meadhan-geamhraidh. Tha cladhadh àrsachail ann an 1828, 1857 agus na 1950an air pìosan beaga crèadha agus clach-spor a lorg agus cuideachd cnàmhan dhaoine, feadhainn dhiubh siud a chaidh an losgadh. Tha fianais ann gu robh an t-ionad air leth cudromach agus 's dòcha air a chumail do dhaoin-uasal