Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn seòmraichte, Clabhalag
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CLAVA05
ÀITE
Clabhalag
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22338
KEYWORDS
carraighean-cuimhne nuadh-chreagach
tiodhlacaidhean
Chambered Cairn, Clava

Tha an dealbh seo a' sealltainn càrn-seòmraichte ris an ear thuath aig Clabhalag, faisg air Inbhir Nis.

Tha dà chàrn seòmraichte agus càrn cearcallach ann le gach fear air a chuairteachadh le cearcall cloiche air an làraich aig Baile an Fhuarain, Clabhalag. Tha an làrach air ainm a thoirt do dhà seòrsa cùirn a gheibhear ann an Inbhir Nis agus mun cuairt (càrn cearcallach agus uaigh thrannsach). Shaoilear an toiseach gur ann bho anmoch san linn nuadh-chreagaich a bha an làrach ach tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid a' sealltainn gur dòcha gum buineadh e do Linn an Umha a bha nas fhaide air adhart.

Tha trannsaichean an dà chàrn thiodhlachaidh, no uaighean trannsach, ann an loidhne ri latha meadhan a' gheamhraidh, an latha as lugha solais anns a' bhliadhna. Tha na leacan agus na tursachan ann an diofar meud leis an fheadhainn as motha a dh'ionnsaigh an iar dheas agus far a bheil a' ghrian a' dol fodha anns a' gheamhradh. Fhuaradh pìosan crèadha, cnàmhan air an losgadh agus clach-theine à rannsachaidhean a chaidh a dhèanamh ann an 1828, 1857 agus anns na 1950an. Tha e follaiseach gun robh inbhe sònraichte aig an làraich agus 's dòcha gur ann do dhaoine le inbhe àrd a bha e

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn seòmraichte, Clabhalag

INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros

2000an

carraighean-cuimhne nuadh-chreagach; tiodhlacaidhean

Janine Donald

Tha an dealbh seo a' sealltainn càrn-seòmraichte ris an ear thuath aig Clabhalag, faisg air Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha dà chàrn seòmraichte agus càrn cearcallach ann le gach fear air a chuairteachadh le cearcall cloiche air an làraich aig Baile an Fhuarain, Clabhalag. Tha an làrach air ainm a thoirt do dhà seòrsa cùirn a gheibhear ann an Inbhir Nis agus mun cuairt (càrn cearcallach agus uaigh thrannsach). Shaoilear an toiseach gur ann bho anmoch san linn nuadh-chreagaich a bha an làrach ach tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid a' sealltainn gur dòcha gum buineadh e do Linn an Umha a bha nas fhaide air adhart.<br /> <br /> Tha trannsaichean an dà chàrn thiodhlachaidh, no uaighean trannsach, ann an loidhne ri latha meadhan a' gheamhraidh, an latha as lugha solais anns a' bhliadhna. Tha na leacan agus na tursachan ann an diofar meud leis an fheadhainn as motha a dh'ionnsaigh an iar dheas agus far a bheil a' ghrian a' dol fodha anns a' gheamhradh. Fhuaradh pìosan crèadha, cnàmhan air an losgadh agus clach-theine à rannsachaidhean a chaidh a dhèanamh ann an 1828, 1857 agus anns na 1950an. Tha e follaiseach gun robh inbhe sònraichte aig an làraich agus 's dòcha gur ann do dhaoine le inbhe àrd a bha e