Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Tobar a' Chlùid', Bun Lòchaidh
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CLOOTIEWELL
ÀITE
Bun Lòchaidh
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Cnoc Bàn
DEIT
2002
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22339
KEYWORDS
tobar
tobar nam miann
Clootie Well, Munlochy

Tha 'Tobar a' Chlùid' ri taobh an A832, faisg air baile Bhun Lòchaidh san Eilean Dubh. 'S ann bho gach'clùd' no pìos anairt a tha air a chrochadh mun tobar a thàinig an t-ainm. Tha cuid den bheachd gu bheil cumhachdan slànachaidh aig an tobar a bheir air falbh galar, caise, mì-thlachd, no fiù 's diomb on duine air a bheil e. Tha iad ag ràdh ma thèid an droch àite air a' chorp, far a bheil an galar, a shuathadh le clùd làn de bhùrn on tobar 's gun tèid an clùd a chrochadh suas gus an tiormaich e, 's ann a thogas an tinneas mar a chrìonas an clùd. Sna seann làithean bhiodh daoine a' tadhal air na tobraichean na bu trice, gu h-àraid aig amannan sònraichte den bhliadhna, leithid sa Bhealltainn. Mar eisimpleir, san 18mh linn chuir an sgrìobhaiche is fear-siubhail Tomas Pennant air chlàr iomadh tobar den aon seòrsa air a' Ghàidhealtachd a bha uile 'tapestried about with rags'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Tobar a' Chlùid', Bun Lòchaidh

ROS: An Cnoc Bàn

2000an

tobar; tobar nam miann