Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobraichean is Fuarain Leigheasach sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan (1 de 3)
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CLOOTIEWELL_A
ÀITE
Bun Lòchaidh
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Cnoc Bàn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22340
KEYWORDS
tobar
tobar nam miann
deas-ghnàthan
deas-ghnàth
craobhan
beul-aithris
Healing Wells and Springs in the Highlands & Islands (1 of 3)

Shìos fodha tha liosta de chuid de na fuarain, lochan is tobraichean air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a bha, agus a tha fhathast do chuid de dhaoine, nan àiteachan aig an robh an cumhachd daoine a shlànachadh. (San dealbh chithear an 'Clootie Well' ann am Bun Lòchaidh air an Eilean Dubh.)

Tha iomadh tobar eile ann a tha ceangailte ri saobh-chràbhadh sgìreil. Ann an "The Records of the Meeting of the Exercise of Alford" (New Spalding Club, 1847 dg. 415) tha luaidh air sia ceud tobar ann an Alba. Bha tòrr dhiubh nach robh idir nan tobraichean "naomh" no slànachaidh. Bha daoine den bheachd gun robh feadhainn aca le cumhachd a thaobh na sìde agus feadhainn a bha fiù 's nan tobraichean le cumhachd nam mallachdan.

Tha adhradh nan tobraichean a' dol air ais gu làithean tràth nan Ceilteach, ach bha an Eaglais Albannach gu dubh na aghaidh, cho dona 's gun deach an t-adhradh sin a thoirmeasg le Seisean na h-Eaglais san t-seachdamh linn deug. Chaidh òrdachadh "Whosoever shall be found guiltie of the premises that they mak ther publick repent-ance in sack cloth befor the congregaône" (Northern Notes & Queries lr. IV 1890 dgn. 27-8)

GALLAIBH

LOCH CALADAR, na laighe còig mìle an iar dheas air Inbhir Theòrsa: tha fuaran aig ceann an iar-thuadh an loch a shlànaicheadh iomadh tinneas. Tha àireamh de dh'fhuarain ann, feadhainn aca a tha beairteach ann an iarann (chalybeate) agus chan eil cinnt co fear aca an tobar slànachaidh:
Tobar Achliobstair
Tobar Mhic na Brataich
Tobar an Lòin

DÙNAID - Thalaidh Loch. B' e an cleachdadh an seo gun tilgeadh an duine tinn bonn a-steach don uisge agus coiseachd no a bhith air a ghiùlan deiseal mun cuairt an loch. Mur nach deach an duine a shlànachadh chuir iad an coire air dìth creidsinn. Ma thàinig piseach air 's e cumhachd slànachaidh an loch a dh'adhbhraich e.

DÙNAID - Loch "Heilen" (loch slànachaidh). Na laighe gu deas air Dùnaid, bha an loch seo cliùiteach gu ruig meadhan an naoidheimh linn deug airson slànachadh mìorbhaileach. B' e an cleachdadh an duine tinn a thumadh san loch ro èirigh na grèine agus bonn airgid a thilgeil ann.

DÙNAID - Loch an Naoimh Eòin. Aig an loch seo, gu tuath air Dùnaid, bha an cleachdadh coltach ri Loch Heilen. Chanadh iad gur ann on naomh, aig an robh caibeal aig ceann eile an loch, a thàinig cumhachd slànachaidh nan uisgeachan. Bha an t-Urr Tòmas Jolly, na chunntas air a' pharraiste sa Chunntas Stataistigeil Ùr, den bheachd "Hypochondriacs and nervous people may sometimes feel better for this: but those seriously ill are of course worse for it and die occasionally on the road." Tha e a' co-dhunadh, "I do not think it does much good to the people of the parish; it seem most efficacious to those at a distance."

SIORRACHD INBHIR NIS

OBAR ITHEACHAN - Clach Tollta no le Amar. 'S e leac mhòr a bha seo le toll domhainn sa mheadhan a bha an còmhnaidh làn uisge. Bhiodh iad ag ràdh gun do bhaist Colm Cille an Rìgh Brùd an seo. Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil an t-uisge math airson boireannaich a tha trom le leanaibh.

ÀIRD NAN SAOR - Baile a' Cham Beul. 'S ann air an tràigh a tha an tobar, còmhdaichte nuair a tha muir-làn ann, agus comas aige an t-sruthach a shlànachadh, bhiodh iad ag ràdh.

ÀIRD NAM MURCHAN - Suardail ('Suerdal Charrach' sa Chunntas Stataistigeil Ùr). Tha slocan eu-domhainn ann an uaimh, air tràigh a tuath Àird nam Murchan, ga lìonadh fhèin air ais nuair a thèid a thraoghadh. Bhiodh daoine tinn a' dol ann a' lorg slànachadh. Bhiodh an duine tinn ag òl an uisge agus a' fàgail ìobairt bheag gun luach ann - bonn, prìne, putan.

BUN CHRAOBH - Fuaran a' Chladaich. Tha am fuaran air an tràigh, trì mìle an iar air Inbhir Nis. Tha builgeanan a' tighinn bhuaithe fiù 's nuair a tha e còmhdaichte leis a' mhuir agus bha uaireigin cabhsair timcheall air gus am faigheadh daoine thuige. Bha iad den bheachd gu robh an t-uisge na dhìonadh an aghaidh galar na Buinnich-mòire

CLACH NA H-AIRE - Fuaran Allt an Ionnaid/ ionnlaid. Tha am fuaran seo na laighe taobh an iar chrìochan Inbhir Nis. Bhiodh e air leth math airson tinneasan craicinn a shlànachadh, tha e coltach. Bhiodh an duine tinn ga nighe fhèin san allt ri thaobh agus an uair sin ag òl on fhuaran. Ach tha e coltach gun do chaill e a chumhachd nuair a bhog boireannach a leanaibh, a bha tinn leis an tachas tioram, a-steach san tobar, a' cur caise air dia an tobair. Shlànaicheadh e cuideachd tinneasan-nan-alt. Ann an 1650 chaidh leigeil le Marcas Mhontròis, air a ghlacadh aig Cath Charbasdail, òl às an tobar air a rathad a Dhùn Èideann airson a chur gu bàs.

FUARAN PRISEAG - Na laighe taobh thall drochaid na rèile aig Clach na h-Aire, taobh clì an rathaid, bhiodh iad ag ràdh gun do bheannaich an Naomh Ceiseag an tobar seo, agus gu robh comas aige sùilean goirt no lag a shlànachadh. Nan deigheadh bonn airgid a-steach don tobar mus do dh'òl thu às, bha sin ga do dhìon an aghaidh na droch-shùil. Bhiodh deoch a h-uile latha a' cumail nan deamhain air falbh.

CÙIL LODAIR - Tobar na Naoimh Moire, no ainmean eile air - an Tobar Ghorm, Tobar na h-òige agus Tobar Miannachaidh Chùil Lodair (Culloden Wishing Well). Tha an tobar ainmeil seo na laighe ceithir mìle an ear air Inbhir Nis ann an Coilltean Chùil Lodair. Bha uaireigin togalach le mullach, seataichean agus neach-cùraim no bana-shagart aige, ach a-nis chan eil ann ach na ballachan cearcallach. Cho fada ris na 60an bhiodh mìltean de dhaoine a' dèanamh cuairt don tobar a' chiad Shàbaid sa Chèitean, a' tilgeil bonn ann agus a' dèanamh miann. Bha cliù aige cuideachd mar thobar slànachaidh. Bhiodh an deas-ghnàth air a dhèanamh ro èirigh na grèine, a' dol timcheall air an tobar trì turais, a' tilgeil bonn ann, an duine tinn ag òl an uisge agus bìdeag aodaich air a reubadh o aodach an duine, ga thumadh san uisge agus an uair sin air a cheangal ri meanglan. 'S ann mar sin a bhiodh 'clootie (cloth) wells' orra. Feumaidh am pìos aodaich a bhith de stuth nàdarra ach an lobh e air falbh, a' toirt leis an tinneas. Duine sam bith a thogas an clobhd air falbh, thig an tinneas air fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobraichean is Fuarain Leigheasach sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan (1 de 3)

ROS: An Cnoc Bàn

tobar; tobar nam miann; deas-ghnàthan; deas-ghnàth; craobhan; beul-aithris