Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
taigh-cùirte Chrombaidh
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CROMARTY05
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22346
KEYWORDS
taighean-cùirte
comhairlean-baile
Cromarty Courthouse

Chaidh taigh-cùirte Chrombaidh a thogail ann an 1771-73 le uachdaran Oighreachd Chrombaidh, Seòras Ros. Ghabh Ros an Oighreachd thairis ann an 1767 agus b' ann an urra ris a bha e airson piseach a thoirt air a' bhaile agus muinntir a' bhaile. Bha comhairlean a' bhaile agus na sgìre am broinn an taigh-chùirt ach cha deach am prìosan a chur ris aig cùl an togalaich gu 1845.

Beag air bheag dh'fhàs an taigh-cùirte gu bhith ro chosgail a chumail agus dhùin e ann an 1872. An-diugh, an dèidh ath-leasachadh, 's e taigh-tasgaidh a th' ann a tha air iomadh duais a chosnadh.

Chan eil aghaidh an taigh-cùirte air atharrachadh mòran bho linn Sheòrais Rois. B' esan a thug air Crois a' mhargaid a bhith air a ghluasad bho làrach an t-seann taigh-chìsean sa Chabhsair dhan àite aige air beulaibh an taigh-cùirte. Tha 1378 air a snaidheadh air a' Chrois a bharrachd air 1773 no 1778. Ach thathar ag ràdh gur ann bho 1578 a tha e an àite an fhir a bh' ann sa 14mh linn.

Thar tìde dh'fhàs an taigh-cùirte ro chosgail a chumail a' dol agus dhùin e mu dheireadh ann an 1872. Chaidh a chleachdadh mar phrìosan airson greis agus cuideachd chaidh a chleachdadh leis an nèibhi.

An-diugh 's e taigh-tasgaidh a th' anns an taigh-chùirte a tha air iomadh duais a chosnadh. Chithear deuchainn agus taisbeanaidhean-bhidio agus seann rudan eile agus fiosrachadh. Gheibhear cothrom thairis air 50 stòran-dàta agus tasglainn fhaicinn mu eachdraidh Chrombaidh. Cuideachd faodar turas tro Chromba a ghabhail air teip!

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

taigh-cùirte Chrombaidh

ROS: Crombaidh

2000an

taighean-cùirte; comhairlean-baile