Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Suidheachan air a sgeadachadh, Eaglais an ear Chromba
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CROMARTY07
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22348
KEYWORDS
eaglaisean
Decorated Pew, Cromarty East Church

'S ann às an 18mh linn a tha a' mhòr-chuid den Eaglais an Ear no Eaglais na Parraist, ann an Cromba ged a tha pàirt de thogalach bho na meadhan linntean na phàirt dhith le aumbry innte a tha na phreasa air a thogail anns a' bhalla far am biodh an cupa agus an truinnsear airson aifreann air an cumail, aig ceann an ear a' bhalla a tuath. Cuideachd tha leac-uaighe às a' 14mh linn sa phoirdse an iar.

B' e eaglais ceithir-cheàrnach a bh' anns an eaglais an toiseach ach chaidh trannsa-eaglais a chur ris an taobh tuath ann an 1739 air sgàth àireamh a' choithionail èirigh. Chaidh ballachan na h-eaglaise àrdachadh ann an 1756 agus chaidh uinneagan ùra a chur innte. Tha trì gaileiridhean innte no 'lobhtan'; Lobht nan Sgoilear; Lobht nam Bochd agus Lobht an Uachdarain. Tha eisimpleir suidheachan sgeadaichte ri fhaicinn anns an lobht gu tuath a chaidh a thoirt air mhàl le teaghlach MhicChoinnich. Tha prìomh litrichean ainmean dhaoine eile aig an robh suidheachain air mhàl rim faicinn aig aghaidh an aon ghailearaidh.

'S ann le Urras nan Seann Eaglaisean Albannach a tha an eaglais agus bha I air a' phrògram telebhisean BBC 'Restoration Village' ann an 2006. Thathar air taic airgid à Ionmhas Dualchais a' Chrannchuir fhaighinn bho chionn ghoirid airson obair ath-leasachaidh a dhèanamh air an eaglais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Suidheachan air a sgeadachadh, Eaglais an ear Chromba

ROS: Crombaidh

2000an

eaglaisean

Janine Donald

'S ann às an 18mh linn a tha a' mhòr-chuid den Eaglais an Ear no Eaglais na Parraist, ann an Cromba ged a tha pàirt de thogalach bho na meadhan linntean na phàirt dhith le aumbry innte a tha na phreasa air a thogail anns a' bhalla far am biodh an cupa agus an truinnsear airson aifreann air an cumail, aig ceann an ear a' bhalla a tuath. Cuideachd tha leac-uaighe às a' 14mh linn sa phoirdse an iar.<br /> <br /> B' e eaglais ceithir-cheàrnach a bh' anns an eaglais an toiseach ach chaidh trannsa-eaglais a chur ris an taobh tuath ann an 1739 air sgàth àireamh a' choithionail èirigh. Chaidh ballachan na h-eaglaise àrdachadh ann an 1756 agus chaidh uinneagan ùra a chur innte. Tha trì gaileiridhean innte no 'lobhtan'; Lobht nan Sgoilear; Lobht nam Bochd agus Lobht an Uachdarain. Tha eisimpleir suidheachan sgeadaichte ri fhaicinn anns an lobht gu tuath a chaidh a thoirt air mhàl le teaghlach MhicChoinnich. Tha prìomh litrichean ainmean dhaoine eile aig an robh suidheachain air mhàl rim faicinn aig aghaidh an aon ghailearaidh.<br /> <br /> 'S ann le Urras nan Seann Eaglaisean Albannach a tha an eaglais agus bha I air a' phrògram telebhisean BBC 'Restoration Village' ann an 2006. Thathar air taic airgid à Ionmhas Dualchais a' Chrannchuir fhaighinn bho chionn ghoirid airson obair ath-leasachaidh a dhèanamh air an eaglais