Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An seann taigh-ghrùide, Cromba
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CROMARTY14
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22355
KEYWORDS
taighean-grùide
Old Brewery, Cromarty

Tha an Seann Taigh-ghrùide suidhichte faisg air allt aig ceann an ear Chrombaidh, air oisean Rathad Mhic a' Mhuilleir agus Àite Taobh an Uillt. Chaidh a stèidheachadh timcheall air 1790 leis an uachdaran ionadail Seòras Ros agus bha e mòr gu leòr an coimeas ri na taighean-grùide dùthchail eile ann an Alba aig an àm sin. Tha mapa an OS 1871 a' sealltainn an togalaich a bhith falamh agus gun chleachdadh aig an àm agus chan eil cinnt an do thòisich e mar thaigh-grùide an dèidh sin. Tha feadhainn air a chur air adhart gun deach clàr os cionn an dorais air an taobh an iar thuath leis an sgrìobhadh 'Thanks Be to God, 1901' a chur an sin le buidheann measarrachd nuair a dhùin an taigh-grùide.

Bhon a dhùin e thathar air togalach an taigh-ghrùide a chleachdadh mar thaigh agus mar thuathanas balgan-buachair. An-diugh, an dèidh don togalach a bhith air ath-leasachadh, 's e ionad treànaidh a th' ann le goireasan ann airson treànadh, coinneamhan agus tachartasan eile le goireasan-ithe agus àitichean-fuirich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An seann taigh-ghrùide, Cromba

ROS: Crombaidh

2000an

taighean-grùide

Janine Donald

Tha an Seann Taigh-ghrùide suidhichte faisg air allt aig ceann an ear Chrombaidh, air oisean Rathad Mhic a' Mhuilleir agus Àite Taobh an Uillt. Chaidh a stèidheachadh timcheall air 1790 leis an uachdaran ionadail Seòras Ros agus bha e mòr gu leòr an coimeas ri na taighean-grùide dùthchail eile ann an Alba aig an àm sin. Tha mapa an OS 1871 a' sealltainn an togalaich a bhith falamh agus gun chleachdadh aig an àm agus chan eil cinnt an do thòisich e mar thaigh-grùide an dèidh sin. Tha feadhainn air a chur air adhart gun deach clàr os cionn an dorais air an taobh an iar thuath leis an sgrìobhadh 'Thanks Be to God, 1901' a chur an sin le buidheann measarrachd nuair a dhùin an taigh-grùide.<br /> <br /> Bhon a dhùin e thathar air togalach an taigh-ghrùide a chleachdadh mar thaigh agus mar thuathanas balgan-buachair. An-diugh, an dèidh don togalach a bhith air ath-leasachadh, 's e ionad treànaidh a th' ann le goireasan ann airson treànadh, coinneamhan agus tachartasan eile le goireasan-ithe agus àitichean-fuirich