Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acarsaid Chrombaidh
EXTERNAL ID
PC_DONALD_CROMARTY16
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22358
KEYWORDS
acarsaidean
Cromarty Harbour

Chaidh acarsaid Chrombaidh a thogail eadar 1781 agus 1784 nuair a chaidh an cidhe cloiche a bha ann bho thùs a leasachadh agus chaidh cidhe ùr agus doirlinn-fasgaidh a chur ris. Chaidh a phàigheadh le Seòras Ros Baile Chèiridh a cheannaich Oighreachd Chrombaidh agus a dh' ath-leasaich am baile. Bha Cromba air a bhith a' fàs mar phort tràth anns an ochdamh linn deug tro mhalairt ri Nirribhidh, an t-Suain agus an Òlaind a bharrachd air Sasainn. Chaidh fiodh, iarann, sineabhar agus gual a thoirt a-steach agus chaidh gràn agus iasg-saillte a reic.

Anns an naoidheamh linn deug chleachd eilthirich an acarsaid airson seòladh a Chanada, Ameireaga a Tuath agus Astrailia. Bha Caolas Chrombaidh na ionad nèibhi ann an 1912 agus bha an acarsaid trang a-rithist. Bho chionn ghoirid thathar air Caolas Chrombaidh a chleachdadh airson a bhith a' togail agus a' càradh chrann-ola a bharrachd air a bhith a' toirt àite dhaibh fhad 's nach robh feum orra

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acarsaid Chrombaidh

ROS: Crombaidh

2000an

acarsaidean

Janine Donald

Chaidh acarsaid Chrombaidh a thogail eadar 1781 agus 1784 nuair a chaidh an cidhe cloiche a bha ann bho thùs a leasachadh agus chaidh cidhe ùr agus doirlinn-fasgaidh a chur ris. Chaidh a phàigheadh le Seòras Ros Baile Chèiridh a cheannaich Oighreachd Chrombaidh agus a dh' ath-leasaich am baile. Bha Cromba air a bhith a' fàs mar phort tràth anns an ochdamh linn deug tro mhalairt ri Nirribhidh, an t-Suain agus an Òlaind a bharrachd air Sasainn. Chaidh fiodh, iarann, sineabhar agus gual a thoirt a-steach agus chaidh gràn agus iasg-saillte a reic.<br /> <br /> Anns an naoidheamh linn deug chleachd eilthirich an acarsaid airson seòladh a Chanada, Ameireaga a Tuath agus Astrailia. Bha Caolas Chrombaidh na ionad nèibhi ann an 1912 agus bha an acarsaid trang a-rithist. Bho chionn ghoirid thathar air Caolas Chrombaidh a chleachdadh airson a bhith a' togail agus a' càradh chrann-ola a bharrachd air a bhith a' toirt àite dhaibh fhad 's nach robh feum orra