Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-caibideal, Cathair-eaglais na Cananaich
EXTERNAL ID
PC_DONALD_FORTROSE03
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22372
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
cuimhneachain
Chapter House, Fortrose Cathedral

Chaidh Cathair-eaglais na Cananaich a stèidheachadh leis an Easbaig Raibeart anns an 13mh linn an dèidh Easbaigean Rois gluasad an seo à Ros Maircnidh. Stad an togail tro na Cogaidhean Saorsa agus thòisich e a-rithist anmoch anns an 14mh linn. Bha e air dhol air ais gu mòr an dèidh an Ath-Leasachaidh agus dh'fhalbh arm Oliver Cromwell le tòrr den chlach-ghainmhich a dh'Inbhir Nis gus an dùn aige a thogail. Thug muinntir a' bhaile leotha an còrr gus na taighean aca a thogail.

Chan eil air fhàgail ach taobh a deas na h-eaglais agus an naomh-chiste a tha faisg air làimh den taigh-chaibideil. Tha trì uaighean le airdse anns na trannsaichean: Euphemia, Ban-Iarla Rois a b' fheudar Alexander Stiùbhart à Bàideanach a phòsadh; Easbaig Raibeart Cairncross a chaochail ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a chaochail ann an 1507. Tha mòran leacan marmoir anns a' Chathair-eaglais a bhios a' comharrachadh buill teaghlach MhicChoinnich agus cuimhneachain a chaidh a thogail timcheall air 1800 do Mhorair Alexander MacCoinnich A' Chùil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-caibideal, Cathair-eaglais na Cananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

cathair-eaglaisean; cuimhneachain

Janine Donald

Chaidh Cathair-eaglais na Cananaich a stèidheachadh leis an Easbaig Raibeart anns an 13mh linn an dèidh Easbaigean Rois gluasad an seo à Ros Maircnidh. Stad an togail tro na Cogaidhean Saorsa agus thòisich e a-rithist anmoch anns an 14mh linn. Bha e air dhol air ais gu mòr an dèidh an Ath-Leasachaidh agus dh'fhalbh arm Oliver Cromwell le tòrr den chlach-ghainmhich a dh'Inbhir Nis gus an dùn aige a thogail. Thug muinntir a' bhaile leotha an còrr gus na taighean aca a thogail.<br /> <br /> Chan eil air fhàgail ach taobh a deas na h-eaglais agus an naomh-chiste a tha faisg air làimh den taigh-chaibideil. Tha trì uaighean le airdse anns na trannsaichean: Euphemia, Ban-Iarla Rois a b' fheudar Alexander Stiùbhart à Bàideanach a phòsadh; Easbaig Raibeart Cairncross a chaochail ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a chaochail ann an 1507. Tha mòran leacan marmoir anns a' Chathair-eaglais a bhios a' comharrachadh buill teaghlach MhicChoinnich agus cuimhneachain a chaidh a thogail timcheall air 1800 do Mhorair Alexander MacCoinnich A' Chùil