Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mias shnaighte, Dùn Athad
EXTERNAL ID
PC_DONALD_KILMARTIN08
ÀITE
Dùn Athad
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhìcheil Ghlasaraidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22389
KEYWORDS
Cruithnich
rìghrean Cruithneach
arc-eòlas
Carved basin, Dunadd

Gu dualchasach, b' e Dùn Athad an dùn cnuice àrsaidh rìoghail aig na h-Albannaich, aon de phrìomh ionadan Rìoghachd Dhal Riata. Gu freagarrach, suidhichte air tom creagach a tha ag èirigh à gleann còmhnard Chille Mhàrtainn, dìreach tuath air Ceann Loch Gilb ann an Earra-Ghàidheal, bha an dùn air a neartachadh gu làidir agus furasta a dìon. Tha an dealbh seo a' sealltainn aon de na snaighidhean creige air a' mhullach aig Dùn Athad - lorg-coise. Tha snaighidhean eile ann leithid torc (anns an stoidhle Chruithneach), loidhnichean de sgrìobhadh oghaim agus mias dhomhainn. Tha beul-aithris a' cumail a-mach gu bheil an lorg-coise agus a' mhias a' comharrachadh làraich coisrigidh rìghrean ùra Dhal Riata.
Chaidh Dùn Athad a chladhach aig diofar amannan tron 20mh linn. Bha a' chladhach mu dheireadh ann an 1980-81 a' sealltainn gun robh co-dhiù dà ìre togail ann. Bha a' chuid mhòr de na lorgan ann eadar an t-6mh agus an 9mh linn agus nam measg tha nithean àrd-inbheil mar seudradh agus molldairean airson obair le òr, airgead agus umha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mias shnaighte, Dùn Athad

EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhìcheil Ghlasaraidh

2000an

Cruithnich; rìghrean Cruithneach; arc-eòlas

Janine Donald

Gu dualchasach, b' e Dùn Athad an dùn cnuice àrsaidh rìoghail aig na h-Albannaich, aon de phrìomh ionadan Rìoghachd Dhal Riata. Gu freagarrach, suidhichte air tom creagach a tha ag èirigh à gleann còmhnard Chille Mhàrtainn, dìreach tuath air Ceann Loch Gilb ann an Earra-Ghàidheal, bha an dùn air a neartachadh gu làidir agus furasta a dìon. Tha an dealbh seo a' sealltainn aon de na snaighidhean creige air a' mhullach aig Dùn Athad - lorg-coise. Tha snaighidhean eile ann leithid torc (anns an stoidhle Chruithneach), loidhnichean de sgrìobhadh oghaim agus mias dhomhainn. Tha beul-aithris a' cumail a-mach gu bheil an lorg-coise agus a' mhias a' comharrachadh làraich coisrigidh rìghrean ùra Dhal Riata. <br /> Chaidh Dùn Athad a chladhach aig diofar amannan tron 20mh linn. Bha a' chladhach mu dheireadh ann an 1980-81 a' sealltainn gun robh co-dhiù dà ìre togail ann. Bha a' chuid mhòr de na lorgan ann eadar an t-6mh agus an 9mh linn agus nam measg tha nithean àrd-inbheil mar seudradh agus molldairean airson obair le òr, airgead agus umha