Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lùchairt an Iarla, Baile na h-Eaglais
EXTERNAL ID
PC_DONALD_ORKNEY01
ÀITE
Baile na h-Eaglaise
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22392
KEYWORDS
Iarlan Arcaibh
lùchairtean
Earls' Palace, Kirkwall

Tha tobhta Lùchairt an Iarla ann am Baile na h-Eaglais mu choinneamh Àrd-eaglais an Naoimh Magnas ann am meadhan Bhaile na h-Eaglais, Arcaibh. Chaidh tùs a chur air an lùchairt le Pàdraig Stiùbhart, an dàrna h-Iarla Arcach, tràth san t-17mh linn. Chaidh a togail ann an stoidhle an Ath-bheothachaidh ach cha deach an dealbhadh slàn a chrìochnachadh oir chaidh an t-iarla a dhìteadh de fheall agus chaidh a dhi-cheannadh ann an 1614. An dèidh a bhàis, chaidh Lùchairt an Iarla agus Lùchairt an Easbaig a chumail a' dol le easbaigean Arcaibh gu 1688, nuair a ghabh an Crùn sealbh air na togalaichean. Ann an 1705 bha an lùchairt air tuiteam às a chèile agus cha robhar tuilleadh ga measadh freagarrach airson còmhnaidh innte. Aig àm meadhan an 18mh linn bha am mullach air a stialladh às agus tha an togalach air a bhith gun mhullach on uair sin. San latha an-diugh tha an togalach fo chùram Alba Eachdraidheil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lùchairt an Iarla, Baile na h-Eaglais

2000an

Iarlan Arcaibh; lùchairtean