Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na Paraiste, Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
PC_DONALD_ROSEMARKIE04
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22408
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
naoimh
Parish Church, Rosemarkie

'S ann o 1821 a tha Eaglais na Paraiste ann an Ros Mhaircnidh, ach chaidh a togail air an ionad far an robh a' chiad Chathair-eaglais Sgìr-easbaig Rois, a chaidh a thogail san 12ra linn aig àm Daibhidh l. Mu 1235 ghluais iad ionad na cathair-eaglais dhan Chananaich.

Ach tha iad ag ràdh gur ann o làithean na bu thràithe a tha ionad na cathair-eaglais ann an Ros Mhaircnidh, cho fad air ais ris an t-6mh linn, nuair a stèidhich an Naomh Maol Luag à Lios Mòr, miseanaraidh aig an Eaglais Cheiltich, àite-fuirich Crìosdail san sgìre seo. Bhàsaich Maol Luag ann an 592 agus tha seanchas ann ag ràdh gur ann ann an Ros Mhaircnidh a chaidh a thiodhlacadh. Timcheall air 716, 's e an Naomh Boniface a thàinig na cheannard air manachainn Ros Mhaircnidh. Tha esan air a chuimhneachadh ann an dualchasan na sgìre - leithid Fèill an Naoimh Boniface sa Mhanachainn - agus ann an ainmean àiteachan - leithid Tobar an Naoimh Boniface.

Chaidh diofar phìosan de chloich shnaidhte Phiocach agus leacan croise an lorg timcheall air an eaglais ann an Ros Mhaircnidh, nam measg leac-croise eireachdail Clas ll a ghabhas fhaicinn ann an Taigh-Tasgaidh Ghroam

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na Paraiste, Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; naoimh

Janine Donald

'S ann o 1821 a tha Eaglais na Paraiste ann an Ros Mhaircnidh, ach chaidh a togail air an ionad far an robh a' chiad Chathair-eaglais Sgìr-easbaig Rois, a chaidh a thogail san 12ra linn aig àm Daibhidh l. Mu 1235 ghluais iad ionad na cathair-eaglais dhan Chananaich.<br /> <br /> Ach tha iad ag ràdh gur ann o làithean na bu thràithe a tha ionad na cathair-eaglais ann an Ros Mhaircnidh, cho fad air ais ris an t-6mh linn, nuair a stèidhich an Naomh Maol Luag à Lios Mòr, miseanaraidh aig an Eaglais Cheiltich, àite-fuirich Crìosdail san sgìre seo. Bhàsaich Maol Luag ann an 592 agus tha seanchas ann ag ràdh gur ann ann an Ros Mhaircnidh a chaidh a thiodhlacadh. Timcheall air 716, 's e an Naomh Boniface a thàinig na cheannard air manachainn Ros Mhaircnidh. Tha esan air a chuimhneachadh ann an dualchasan na sgìre - leithid Fèill an Naoimh Boniface sa Mhanachainn - agus ann an ainmean àiteachan - leithid Tobar an Naoimh Boniface.<br /> <br /> Chaidh diofar phìosan de chloich shnaidhte Phiocach agus leacan croise an lorg timcheall air an eaglais ann an Ros Mhaircnidh, nam measg leac-croise eireachdail Clas ll a ghabhas fhaicinn ann an Taigh-Tasgaidh Ghroam