Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac na h-Iolaire (Clach an Tiompan), Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
PC_DONALD_STRATHPEFFER01
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22410
KEYWORDS
Cruithnich
clachan-samhla
Eagle Stone, Strathpeffer

Tha a' Chlach Chruithneach Clas l le comharraidhean oirre, air a h-aithneachadh mar 'Leac na h-Iolaire', na seasamh ann am baile beag Shrath Pheofhair. 'S e leac de ghneiss ghorm a th' innte, cha mhòr ann an cumadh ceart-cheàrnach, ach le oisean na làimhe deise gu h-àrd air a bhriseadh dheth, agus le àirde 2 thr 8 oirl (80cm) agus leud de 2 thr (60cm) innte.

Air a h-aghaidh dhan earra-dheas, tha comharraidhean àirdse agus iolaire air an snaidheadh oirre. Tha cuid den bheachd gur e crudha-eich, comharra air deagh fhortan, a tha san àirdse, agus feadhainn eile den bheachd gur e bogha-froise a th' ann a tha a' buntainn do dhraoidheachd Cruithneach mun t-sìde. Tha an iolaire, comharra a' cheann-chinnidh, ri lorg ann an dealbhan iomadh cinnidh. 'S dòcha gur e comharra a bha a' clàradh pòsadh eadar dà theaghlach urramach a bha san leac shnaidhte, air neo gur e leac-uaige no comharra-crìch a bh' innte.

Chaidh ainm Gàidhlig na cloiche, 'Clach an Tiompain', eadar-theangachadh gu Beurla ann aniomadh dòigh: 'The Turning Stone', 'The Sounding Stone' air neo 'The Stone of the Knoll'. Tha a' chlach na seasamh air cnocan beag, 's dòcha uaigh, agus tha diofar sheanchasan ceangailte rithe. Tha cuid ag ràdh gu bheil I a' comharrachadh cath sna meadhan-linntean eadar Clann MhicCoinnich is Clann Dòmhnaill nan Eilean, agus feadhainn eile ag ràdh gur ann do naimhdeas na b'anmoiche eadar Clann Mhic Coinnich agus Clann an Rothaich a bhuineas i. A rèir na sgeulachd sin, bha Ban Tighearna MhicCoinnich Shìophoirt a' fuireach aig an àm ann an taigh spriosach air an eilean ann an Loch Cinn Eilein. Thàinig cuid de dh'fhir an Rothaich a rinn a' chùis oirre agus dh'fhalbh iad leatha, le a taigh agus na bha na bhroinn, tha e coltach. Ach rug Clann 'IcCoinnich orra agus chuir iad às dhaibh san dearbh ionad far a bheil Clach an Tiompain na seasamh an-diugh. 'S dòcha gun do chuir Clann an Rothaich a' chlach an àirde mar chuimhneachan air an luchd-cinnidh, agus an iolaire na chomharra aig a' chinneadh aca, ach bha a' chlach ann fada mus robh am batal ann.

Tha aithris air Clach an Tiompain/na h-Iolaire ann am fear de na fàisneachdan aig Coinneach Odhar, Fiosaiche Bhrathainn, a bha a' fuireach san sgìre san t-17mh linn. Rinn esan an fhàisneachd "Nuair a thuiteas Clach na h-Iolaire trì turais thig na h-uisgeachan cho àrd 's gum bi soithichean air an ceangal ris a' chloich." Tha iad den bheachd gun deach a' chlach a ghluasad dà uair mar tha agus tha i an-diugh air a càradh gu daingeann ann an saimeant

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac na h-Iolaire (Clach an Tiompan), Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

Cruithnich; clachan-samhla