Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàillean Spà Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
PC_DONALD_STRATHPEFFER03
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22412
KEYWORDS
spàthan
pàilleanan
Strathpeffer Spa Pavilion

Tha an dealbh seo a' sealltainn Spà Srath Pheothair mus deach a chur air dòigh ann an 2004.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain phronnasg ann anns na 1770an. Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge.

Mar a dh'fhàs Srath Pheofhair ann an cliù, thuigeadh gun robh feum air àite coinneachaidh freagarrach. Chaidh ailtire às an sgìre fhastadh le Ban-Iarla Chrombaidh gus togalach a dheilbh a bha stèidhichte air taigh-ceàrrachais Bhaden Baden, a bha e fhèin coltach ris an Fhestspielhaus ann an Bayreuth. Mar sin, thogadh Pàillean mòr Bhictòrianach am broinn "gàradh-toileachais" ri taobh an t-Seòmair-Phumpaidh àird. Chosg e beagan is £2,700, agus dh'fhosgail Ban-Iarla Chrombaidh e air an 10mh là dhen Lùnastal 1881.

Ri linn a' Chiad Chogaidh, chaidh am Pàillean a chur gu feum mar ospadal cabhlaich Ameireaganaich. Chaidh àireamh an luchd-turais a bha a' frithealadh Srath-Pheofhair sìos eadar an dà chogadh agus, mean air mhean, sguir iad a bhith a' cleachdadh a' Phàillein. Chaidh a chur air dòigh o chionn ghoirid le Urras Togalaichean Eachdraidheil Alba, agus tha High Life na Gàidhealtachd a-nis ga riaghladh mar ionad airson chuirmean-ciùil, bhainnsean, cho-labhairtean agus thaisbeanaidhean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàillean Spà Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

spàthan; pàilleanan